Sluagh Ealaghoil airson a' choimhearsnachd aca a neartachadh

Daoine ann an EalagholTùs an deilbh, Declan Friel
  • Air fhoillseachadh

Tha Ealaghol anns an Eilean Sgitheanach air a chuairteachadh le seallaidhean eireachdail den Chuiltheann agus a-mach dha na h-Eileanan Siar.

Ach, sealladh àlainn ann no às, tha a’ choimhearnachd draghail gu bheil àireamhan-sluaigh anns na bliadhnaichean mu dheireadh air tuiteam gu ìre chunnartach.

A-nis tha Urras Coimhearsnachd Sgìre Ealaghoil air tighinn còmhla airson dèiligeadh leis an dragh a th’ orra mu thaigheadas, foghlam, obair agus an àrainneachd.

Tha prìs nan taighean aig ìre cianail àrd, agus tha muinntir na coimhearsnachd a' gabhail dragh gu bheil cus àitichean-fuirich air an leigeil a-mach airson ùine ghoirid no dìreach air an cleachdadh gu h-ainneamh mar an dàrna taigh aig cuid.

Fo-thiotal an deilbh,

Iain MacSporain, a tha a’ fuireach ann an sgìre Ealaghoil.

Tha an t-urras airson a h-uile rud a tha aig cridhe coimhearsnachd aithneachadh agus a leasachadh: an cànan, an cultar, an dualchas, an talamh, an eachdraidh - ach gu sònraichte na trì nithean seo: obraichean, taigheadas agus foghlam na bun-sgoile.

"Tha feum againn air na tri nithean bunaiteach sin airson coimhearsnachd bheòthail" thuirt Iain MacSporain, a tha a’ fuireach anns an Draoighnean.

Ghluais Mgr MacSporain dhan sgìre ann an 1959, agus tha e a' cuimhneachadh mar a bha a’ choimhearsnachd aig an àm. "’S e àite càirdeil a bh’ ann. Ma bha trioblaid sam bith ann bha a h-uile duine sa choimhearsnachd a’ tighinn agus gad chuideachadh."

Fo-thiotal an deilbh,

Hermionie Lamond, Cathraiche Urras Coimhearsnachd Sgìre Ealaghoil

An-uiridh, dhùin Bun-sgoil Ealaghoil, le dìreach dithis chloinne sa sgoil. A-nis feumaidh òigridh na sgìre siubhal dhan Àth Leathann airson dhol dhan sgoil.

"Thar nam bliadhnaichean, tha barrachd is barrachd thaighean air a bhith air an reic airson màl goirid no mar dàrna dachaigh," thuirt Hermione Lamond, a tha na cathraiche air an urras.

"An-dràsta tha 70 duine anns an sgìre sgoile, ach 18 mìosan air ais bha an àireamh sin aig 120. Bidh sinn a' coinneachadh thairis air na mìosan a tha romhainn airson na planaichean agus na beachdan againn a dhaingneachadh agus a stèidheachadh. 'S e àm dòchasach a th’ ann, a dh’aindeoin a h-uile rud. Chan eil math feitheamh ri taic bho dhaoine eile: feumaidh sinn fhìn a dheànamh", thuirt Mrs Lamond.

Tùs an deilbh, Maree NicNeacail
Fo-thiotal an deilbh,

Cidhe Ealaghol air là robach.

Tha daoine òg san sgìre cuideachd airson 's gun tèid obraichean a stèidheachadh.

"Anns an urras tha sinn airson a’ choimhearsnachd a chumail beò agus a chuideachadh. An-dràsta, chan eil tòrr obraichean ann, agus tha sinn airson obraichean a chruthachadh tron urras," thuirt Amy NicAonghais.

"Bha tòrr bheachdan ann bhon choimhearsnachd fhèin, agus tha sinn airson tighinn còmhla agus obrachadh leis na th' againn: tha barrachd air seallaidhean brèagha a dhìth air an sgìre. Tha eachdraidh agus cultar an-seo, agus bhiodh e math nam biodh àitichean ann a chuidicheadh daoine le a bhith an sàs nan gnìomhachasan fhèin."