Ceist mu aitreabh Sgoil an t-Òib
- Air fhoillseachadh

Tha ceist air èirigh mu na thachras do dh'aitreabh Sgoil t-Òib anns na Hearadh.
Tha a' Chomhairle air cur romhpa an sgoil a leasachadh, ach chan eil feum an-diugh ach air an aon togalach, 's tha deasbad air tòiseachadh mu na bu chòir tachairt dhan togalach eile, a tha an-drasta bàn.
Tha roghainn ann a leagail, ach tha muinntir an àite airson a chumail mar ghoireas coimhearsnachd.
"Tha an sgoil feumach air a dèanamh an-àirde," thuirt Hamish Mac an Tàillear a tha na bhall de Chomhairle Choimhearsneachd Chinn a Deas Na Hearadh.
Cluba Sòisealta
"Cha deach mòran a dhèanamh rithe o chionn bhliadhnaichean mòra.
"Tha oidhirp a' dol air adhart a-nise airson dàrna leth na sgoile a dhèanamh an-àirde.
"Chan eil uimhir de chloinn innte 's a b' àbhaist, agus 's e am pìos as ùire den sgoil a tha san amharc a dhèanamh an-àirde gu ìre an là an-diugh.
"Ach tha pìos eile den sgoil a tha nas sine na sin, agus tha ceist ann cuideachd air dè ghabhas dèanamh le sin.
"Cha bhi e air a dhèanamh an-àirde mar sgoil, mar a tha mi a' tuigsinn, agus mar sin tha ceist dìreach a' tòiseachadh a bhith air a cur am biodh e feumail dhan choimhearsnachd còir fhaighinn air sin, dè ghabhadh dèanamh leis agus dè na cosgaisean a bhiodh na lùib, ge b' e dè a dhèanadh a' choimhearsnachd leis.
"Tha mi a' smaointinn gur e cluba sòisealta an luchd-obrach aig a' Mhorair Leverhulme a bh' anns a' phìos ud o thoiseach.
"Mar sin chan eil sinn cinnteach às a bheil e liostaichte no nach eil.
"Dh'fhaodadh e a bhith gu bheil, agus 's e sin ceist eile.
"Bhiodh comann eachdraidh gu math iomachaidh, ach tha tòrr de rudan ann an ceann a deas na Hearadh, agus na Hearadh air fad, ach chan eil togalaichean againn nach eil air an cleachdadh mar thà 's a ghabhadh cleachdadh airson rudan den t-seòrsa sin.
"Tha sin a' cur bacadh gu leòr air iomairtean a dh'fhaodadh a bhith a' dol air adhart, o chionn nach eil togalaichean againn anns an cuir sinn iad," thuirt e.