Geàrr-chunntas

  • Beachdaichidh comhairlichean anns na h-Eileanan an Iar an-diugh air sgrùdadh a dhèanamh air àrd-sgoil Ghàidhlig san sgìre.

  • Tha dùil gum faigh buidseat na h-Alba taic ann am prionnsabal ann an Dùn Èideann an-diugh.

  • Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' sireadh tidseir Gàidhlig 'son sgoil Loch Àlainn le dùil gun tòisich FtMG san sgìre san Lùnastal.

  • Às dèidh feirg ann an Canada, tha dàil air na taraifean ùra a bha na Stàitean Aonaichte a' bagairt a chur orra is Meagsago. Cluinnidh sinn bho fhear de Ghàidheil Chanada.

  • Aig an dearbh àm chaidh taraifean a bharrachd air Sìona.

  • Agus Dùn Phàrlain air an Lèodhasach òg Keith Bray a cheannach bho ICT, ged a thilleas e a dh'Inbhir Nis air iasad.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Adhartas le FtMG ann an Loch Àlainn

  1. Tìoraidh an-dràstaair fhoillseachadh aig 09:12 GMT 4 An Gearran

    Sin e bhuainn le duilleag bheò Aithris na Maidne ma-thà is taing 'son a bhith còmhla rinn. Cuimhnichibh gum faigh sibh na naidheachdan air an uair air BBC Radio nan Gàidheal tron là, air Aithris an Fheasgair aig 5f is air An Là aig 8f.

    Agus an seo fhèin fad an là aig BBC Naidheachdan.

  2. Bann-leathann Thiriodh: "Light at the end of the tunnel"air fhoillseachadh aig 09:11 GMT 4 An Gearran

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Bann-leathann fìor-luath beò ann an Tiriodh is Idhe

    Tha sinn air a bhith a' cluinntinn gu bheil bann-leathann fìor-luath a-niste ri fhaighinn 'son a' chiad uair ann an Tiriodh agus Eilean Idhe.

    Tha Rhoda Meek ann an Tiriodh am measg na tha a' cur fàilte mhòr air an naidheachd seo

  3. AC/DC - eil sibh a' dol a dh'fheuchainn air ticead?air fhoillseachadh aig 09:00 GMT 4 An Gearran

    AC/DCTùs an deilbh, Getty Images

    Eil sibh measail air AC/DC?

    Thig ticeadan a-mach airson a' chiad chuirm aca ann an Alba airson deich bliadhna madainn Dihaoine. Bidh sin aig Murrayfield as t-samhradh.

    Tha Derek Pluto Moireach am measg luchd-taic a' chòmhlain is e ag ràdh gur e "urram" a th' ann do dh'Alba gu bheil iad a' tighinn is tha e a' moladh dhan a h-uile duine feuchainn ri ticead fhaighinn.

    Gur math a thèid leis fhèin is leibh fhèin madainn Dihaoine!

  4. "Tha e uabhasach cudromach gu bheil sinn taiceil ri na coimhearsnachdan traidiseanta"air fhoillseachadh aig 08:50 GMT 4 An Gearran

    Tha sinn air a bhith a' cluinntinn mar a bhios comataidh foghlaim Chomhairle nan Eilean Siar a' beachdachadh an-diugh air sgrùdadh iarraidh air àrd-sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh san sgìre.

    Tha Riaghaltas na h-Alba mar-thà air maoineachadh a ghealltainn gus an sgrùdadh sin a dhèanamh.

    A' bruidhinn ri BBC Naidheachdan, thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear Ceit Fhoirbeis gu bheil taic dhan Ghàidhlig anns na h-Eileanan an Iar gu math cudromach.

  5. "Tha daoine gu math draghail nuair a tha nàbaidh is caraid a' bagairt orra"air fhoillseachadh aig 08:45 GMT 4 An Gearran

    Dàil air taraifean a' Chinn-suidhe Trump air Canada is Meagsago

    Rob Dunbar

    Chaidh dàil air taraifean a bha na Stàitean Aonaiche a' bagairt a chur air Canada agus Meagsago is an dà dhùthaich air aontachadh na crìochan aca a neartachadh airson smachd a chur air inimreachas is drugaichean dha na Stàitean Aonaichte. Chuir an Ceann-suidhe Trump dàil mìos air na taraifean, feuch ciamar a dh'obraicheas na dh'aontaich e leis an dà dhùthaich.

    Bha fearg ann an Canada mun chùis. Tha an t-Oll Rob Dunbar air a bhith ag innse do dh'Aithris na Maidne mun dragh a th' air daoine "nuair a tha nàbaidh is caraid a' bagairt orra".

  6. Brùraair fhoillseachadh aig 08:41 GMT 4 An Gearran

    Ionad Dualchais Bhrùra

    Tha ionad dualchais ùr spaideil an ìmpis a bhith deiseil ann am Brùra an Cataibh.

    Tha comann dualchais na sgìre - Comann Dualchais Chlìn - an-dràsta trang a' leasachadh seann sgoil Chlìn.

    Bidh e air a' cheann thall na ghoireas air slighe an NC 500.

    Tuilleadh air seo air Aithris na Maidne dìreach an ceartuair.

  7. Geamaichean nan Eileanair fhoillseachadh aig 08:37 GMT 4 An Gearran

    Tha cuid air a bhith a' togail cheistean mu cho freagarrach 's a tha Arcaibh airson Geamaichean nan Eilean. Bidh na geamaichean gan cumail an sin anns an Iuchar.

    Tha teagamh gu h-àraid mu ìre nan àiteachan-fuirich is duilgheadas aig feadhainn àite a lorg. Tha cuid gu bhith a' fuireach ann an seann champa airm agus ann an togalaichean eadar-amail a chaidh a chur suas gu sònraichte airson nan geamaichean.

    A' bruidhinn ri Aithris na Maidne, thuirt cathraiche sgioba nan Eilean Siar, Norrie Dòmhnallach, gu bheil àiteachan-fuirich gu leòr aig an sgioba ach gu bheil iad fhathast ag obair air a' bhuidseat aca.

    Agus tha Norrie misneachail mu na geamaichean is na cothroman a tha nan lùib do luchd-spòrs às na h-Eileanan an Iar.

  8. Keith Bray air ainm a chur ri cùmhnant le Dùn Phàrlainair fhoillseachadh aig 08:28 GMT 4 An Gearran

    Keith BrayTùs an deilbh, Dunfermline Athletic

    Beagan naidheachd an seo bho shaoghal na spòrs is tha an Leòdhasach òg Keith Bray air ainm a chur ri cùmhnant le Dùn Phàrlain. Cheannaich an sgioba à Fìobha Bray, 18, bho Chaley Thistle an-raoir. Cha deach an t-suim fhèin a dhearbhadh.

    Dh'aontaich Bray cùmhnant ceithir bliadhna gu leth aig Pàirc East End ach tillidh e gu Caley Thistle air iasad gu deireadh an t-seusain.

    Tha Bray air moladh mòr fhaighinn anns na mìosan mu dheireadh is e a' cluich gu cunbhalach airson ICT.

  9. Caitair fhoillseachadh aig 08:24 GMT 4 An Gearran

    CatTùs an deilbh, Getty Images

    Deagh naidheachd do chait! Cha tèid casg a chur air daoine bho a bhith gan cumail ann an Alba. Thàinig an dearbhadh sin bhon Phrìomh Mhinistear, John Swinney, às dèidh mar a mhol a' bhuidheann a tha a' comhairleachadh mhinistearan - Coimisean Math Bheathaichean na h-Alba - gum bu chòir meòrachadh air casg ann an cuid de sgìrean far a bheil barrachd ainmhidhean ann an cunnart bho chait.

    A' bruidhinn ri Aithris na Maidne, thuirt an lighiche sprèidh Iain MacIllEathain gu bheil esan den bheachd gur e "rud neònach" a bha seo is nach biodh casg air mòran diofair a dhèanamh.

  10. Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig an Loch Àlainn ceum nas fhaisgeair fhoillseachadh aig 08:12 GMT 4 An Gearran

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Loch Àlainn

    Tha leasachadh ann am foghlam Gàidhlig air tìr-mòr is dùil gum fosgail aonad Gàidhlig ann an Loch Àlainn am-bliadhna. Chuala comhairlichean san t-Samhain gun deach iarrtas reachdail a dhèanamh roimhe is gu bheil an t-ùghdarras ionadail an dùil, le aonta phàrantan, gum bi FtMG ri fhaighinn san sgoil bhon Lùnastal 2025.

    Tha sanas a-nise a' dol a-mach an-diugh feuch tidsear a thàladh.

  11. Cò rinn e?air fhoillseachadh aig 08:11 GMT 4 An Gearran

    An t-Eilean

    Sin a' cheist air a h-uile duine a tha air a bhith a' coimhead An t-Eilean air BBC ALBA!

    Dè do bheachd fhèin? Gheibh sinn a-mach a-nochd aig 9f.

  12. Coille Ath Linneair fhoillseachadh aig 07:59 GMT 4 An Gearran

    Coille Coimhearsnachd Ath LinneTùs an deilbh, Coille Coimhearsnachd Ath Linne

    Tha beachdan dhaoine gan iarraidh air na leasachaidhean a bu chòir a dhèanamh air Coille Coimhearsnachd Ath Linne ann an Lèodhas.

    Chaidh a' choille a cheannach dhan choimhearsnachd mu 20 bliadhna air ais.

    A' bruidhinn ri Dòmhnall Moireasdan, thuirt Ken Roddy MacAoidh, a bha an sas sa ghnothach, gur e goireas math fhèin a tha sa choille is gum biodh e fìor mhath nan cuireadh sgoiltean gu feum i.

  13. Dòmhnall Trump gus coinneachadh ri Benjamin Netanyahuair fhoillseachadh aig 07:56 GMT 4 An Gearran

    Iain Mac a' Phearsain

    Tha dùil gun cuir an Ceann-Suidhe Trump stad air obair nan Stàitean Aonaichte le Comhairle an UN air Còirichean a' Chinne-Daonna an-diugh fhathast, agus gun cùm e air le bhith a' cur casg air maoineachadh 'son na buidhne UNWRA.

    Coinnichidh e an-diugh cuideachd ri Prìomhaire Israel, Benjamin Netanyahu.

    Tha eòlaiche an Ear-Mheadhanaich, Iain Mac a' Phearsain, ag ràdh gum bi Mgr Trump ag iarraidh "rudeigin seasmhach a chruthachadh agus far am b' urrainn dha an uairsin a dhol gu ruige Saudi Arabia agus a dhol air ais ann an còmhraidhean mu aonta-sìthe Abraham".

  14. Dùil gun tèid gabhail ri buidseat na h-Albaair fhoillseachadh aig 07:45 GMT 4 An Gearran

    Shona RobasdanTùs an deilbh, PA Media

    Uill 's e là cudromach poileataigeach a tha ann an seo fhèin ann an Alba cuideachd le dùil gum faigh buidseat Riaghaltas na h-Alba taic ann am prionnsabal ann an Dùn Èideann.

    Chan eil dùil a-nis gun cuir ach aona phàrtaidh - na Tòraidhean - na aghaidh.

    Tha Rùnaire an Ionmhais Shona Robasdan air cuid de na planaichean aice atharrachadh gus taic fhaighinn bho na Lib Deamaich is na h-Uainich. Cha bhòt na Làbaraich.

    Cluinnidh sinn barrachd bhon fhear-naidheachd phoileataigeach againn, Mìcheal MacNèill, às dèidh 08:00.

  15. Sìonaair fhoillseachadh aig 07:40 GMT 4 An Gearran

    Ged a bha faochadh ann aig an ìre seo do Chanada is Meagsago, chaidh taraifean a bharrachd air Sìona.

    Mar fhreagairt air sin, tha Sìona a' cur tharaifean air ais air na Stàitean Aonaichte.

  16. Dàil air taraifean connspaideach air Canada is Meagsagoair fhoillseachadh aig 07:37 GMT 4 An Gearran

    Dòmhnall TrumpTùs an deilbh, Reuters

    Chuir an ceann-suidhe Trump dàil air taraifean 25% air bathar à Canada agus Meagsaco.

    Bha dùil gun rachadh na cìsean a chur an sàs an-diugh, ach tha Mgr Trump air dàil mìos a chur orra agus Canada agus Meagsaco ag ràdh gun gabh iad ceumannan gus smachd fhaighinn air inimreachas is drugaichean dha na Stàitean Aonaichte.

    Tha fearg a' leantainn anns an dà dhùthaich ge-tà is cluinnidh sinn bho fhear de Ghàidheil Chanada às dèidh 0830.

  17. Àrd-sgoil Ghàidhlig anns na h-Eileanan an Iar ga dheasbad le comhairlichean an-diughair fhoillseachadh aig 07:33 GMT 4 An Gearran

    Comhairle nan Eilean Siar

    'S e là cudromach a th' ann a thaobh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig anns na h-Eileanan an Iar.

    Às dèidh dha tighinn am bàrr faisg air deireadh na bliadhna an-uiridh gu bheil Comhairle nan Eilean Siar a' beachdachadh air àrd-sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh, thèid taic chomhairlichean iarraidh an-diugh airson sgrùdadh a dhèanamh feuch dè na buannachdan agus na dùbhlain a bhiodh an cois an leasachaidh.

    Tha an aithisg a tha a' dol air beulaibh chomhairlichean ag ràdh gum biodh feum air maoineachadh bho Riaghaltas na h-Alba gus an sgrùdadh seo a dhèanamh, ach thàinig dearbhadh bhon riaghaltas an t-seachdain seo chaidh gun tig an t-airgead sin.

  18. Madainn mhathair fhoillseachadh aig 07:27 GMT 4 An Gearran

    Madainn mhath is fàilte gu duilleag bheò BBC Naidheachdan. Tha sgioba Aithris na Maidne ag ullachadh an-dràsta airson naidheachdan na maidne a thoirt thugaibh is Dòmhnall Moireasdan is Karen Elder aig an stiùir an-diugh.

    Tha gu leòr air a' chlàr-ghnothaich cuideachd - bho adhartas le FtMG air tìr-mòr na Gàidhealtachd gu connspaid ann an Canada mu na taraifean ùra aig a' cheann-suidhe Trump.

    Bidh sinn a' cumail fiosrachaidh ribh an seo is cuimhnichibh gun urrainn dhuibh èisteachd ris a' phrògram beò leis a' cheangal aig mullach na duilleig.

    Cuir air an coire ma-tha is fan còmla rinn eadar seo is 09:00.