"Sgìrean" cànain gam moladh dha na h-Eileanan Siar
Thuirt Cathraiche Comataidh na Gàidhlig aig Comhairle nan Eilean Siar, Dòmhnall MacSuain, nach biodh e ciallach dìreach aon sgìre cànain sònraichte a dhèanamh anns na h-Eileanan an Iar.
Bha e ag ràdh gun coimhead iad ri sgìrean fa leth a chruthachadh ged a bhios na h-eileanan air fad air an gabhail a-steach.
Tha seo is Bile nan Cànanan Albannach air a dhol tro Phàrlamaid na h-Alba bho chionn ghorid, is sgìrean dha leithid mar phàirt dheth.
Tha Ailig John Moireasdan ag aithris.