Dòchas mu obraichean an cois ionad nan commandothan
Dh'fhaodadh ionad-tadhail ùr aig Carragh-chuimhne nan Commandothan ann an Loch Abar obair a thoirt do mu 30 duine - a rèir na buidhne a th' airson a thogail.
Tha Urras Dualchais Eadar-nàiseanta nan Commandothan a' feuchainn ri airgead a thogail airson am pròiseact a mhaoineachadh.
Tha deasbad a' dol gu h-ionadail air càite dìreach a bu chòir leithid de dh'ionad a stèidheachadh.
Seo Andreas Wolff.