Am BBC "fada ro fhada" ann a bhith a' dèiligeadh ri connspaid

Thuirt Tim Davie, a tha a' fàgail a dhreuchd mar stiùiriche a' BhBC, gu bheil aig luchd-obrach ri dìon a chur air obair naidheachd na buidhne.

Dh'aidich Mgr Davie gun deach "mearachd" a dhèanamh a thaobh mar a chaidh pìosan de dh'oraid a rinn Dòmhnall Trump air là aimhreit a' Chapitol a ghearradh ri chèile 'son prògram Panorama a' BhBC.

Tha luchd-lagh a' Chinn-Suidhe Trump a' maoidheadh am BBC a thoirt gu lagh 'son $1bn.

Tha Magaidh Choineagan, a bha roimhe na Co-cheannard Phrògraman aig BBC Scotland, ag ràdh gun robh a' bhuidheann ro shlaodach ann a bhith a' dèiligeadh ris a' chonnspaid.

Tha dragh oirre mun bhuaidh a bheir an suidheachadh air a' chraoladair.