Naidheachdan 11:00m
Cìsean
Chaidh innse dhan BhBC gu bheil an Seansalair Rachel Reeves air co-dhùnadh gun cìsean teachd-a-steach àrdachadh aig a' bhuidseat air an t-26mh là den t-Samhain. Sna beagan sheachdainnean a dh'fhalbh bha Reeves air comharran a thoirt seachad gum biodh cìsean air an àrdachadh - rud a bhiodh air aon de na geallaidhean manifesto aig na Làbaraich a bhriseadh.
Dotairean
Thathas a' cumail baileat am measg dhotairean ospadail na h-Alba mu bhith a' dol air stailc a dh'fhaodadh tòiseachadh tràth an ath-bhliadhna. Tha aonadh am BMA ann an Alba a' fàgail air an Riaghaltas nach eil an tairgse pàighidh aca math gu leòr agus iad ag ràdh gur e seo an tairgse as ìsle anns an dùthaich agus nas ìsle na bhathas ga mholadh le buidheann pàighidh neo-eisimeileach. Thuirt Rùnaire na Slàinte, Niall Gray, gun robh an tairgse cothromach agus Riaghaltas na h-Alba ag ràdh nach biodh stailc gu maith duine sam bith.
Am BBC
Thuirt Rùnaire a' Chultair Lisa Nandy gu bheil i misneachail gu bheil am BBC a' dèiligeadh ri maoidheadh a' Chinn-suidhe Trump an toirt gu lagh, leis a h-uile urram. Bha i a' bruidhinn an dèidh mar a thug am BBC leisgeul seachad do Mhgr Trump, an dèidh gearradh de dh'òraid a thug e seachad air beulaibh toglach a' Chapitol san Fhaoilleach 2021 nochdadh ann am prògram Panorama. Cha tàinig freagairt fhathast bhon Cheann-suidhe.
Tuarastail Cheannardan Chomhairlean
Dh'fhaodadh gum faigh àrd-cheannardan aig cuid de na h-ùghdarrasan ionadail as lugha ann an Alba àrdachadh pàighidh de suas ri 24%. Lorg ath-sgrùdadh gun robh tuarastalan air a bhith air dheireadh air dreuchdan eile san roinn phoblaich, gu h-àraid ann an àitichean leithid Arcaibh, Sealtainn, na h-Eileanan an Iar agus Siorrachd Chlach Mhannain. Tha COSLA ag ràdh gu bheil dleastanasan chomhairlean air fàs. Ach tha Còmhdhail Aonaidhean Ciùird na h-Alba air rabhadh a thoirt seachad gum faodadh am poball agus luchd-obrach gabhail gu dona ri seo.
An Ucràin
Tha an Ruis air ionnsaighean mòra urchair agus dròna a thoirt air an Ucràin. Thuirt mèar baile Khyiv gu bheil co-dhiù triùir air am beatha a chall anns a' bhaile, agus gun deach còrr air 20 neach a ghoirteachadh.
Riaghailtean Comraich
Ainmichidh Rùnaire na Dùthcha atharrachaidhean mòra air siostam na comraich Diluain. Tha dùil gun innis Shabana Mahmood do bhuill-phàrlamaid nach bi e ceadaichte do luchd-siridh comraich a bhios soirbheachail, fuireach anns an Rìoghachd Aonaichte san ùine fhada. Tha cuid de na ceumanan stèidhichte air modail na Danmhairg, a tha air fhaicinn mar aon de na siostaman as cruaidhe san Roinn-Eòrpa.