Am film a thug a' Ghàidhlig gu na taighean-dhealbh
Tha 80 bliadhna ann an-diugh bho chaidh film Albannach cho cliùitiche sa th' ann a shealltainn airson a' chiad uair.
B' e seo cuideachd a' chiad uair a chaidh a' Ghàidhlig a chluinntinn ann am feature film.
Dè tha seo a-nisde ach "I Know Where I'm Going", le Michael Powell agus Emeric Pressburger.
Bha e air a dhèanamh eadar Muile agus stiùideo ann an Sasainn.
Thàinig e a-mach beagan mhìosan an dèidh dhan dàrna cogadh tighinn gu crìch, agus, mar a tha Ruairidh MacÌomhair ag aithris, bha am première ann an àite sònraichte.