Cumhachd nan Eilean Siar na "chothrom sònraichte"

Thuirt iar-cheannard Comhairle nan Eilean Siar gu bheil "cothrom sònraichte" ann dhan choimhearsnachd buannachd fhaighinn à leasachaidhean ath-nuadhachail.

Bha Donnchadh MacAonghais a' bruidhinn is companaidh ùr Cumhachd nan Eilean Siar ga cur air bhog gu h-oifigeil.

Chaidh a' chompanaidh a stèidheachadh airson planaichean a chruthaicheas "an tuath-gaoithe coimhearsnachd as motha san Rìoghachd Aonaichte" a ghluasad air adhart.