Hub an t-Òib a' faighinn Duais an Rìgh

Chaidh 'Duais an Rìgh airson Seirbheis Shaor-thoileach' a bhuileachadh air Hub an t-Òib.

Fhuair còrr air 200 buidheann air feadh Bhreatainn an duais an-diugh, le 25 dhiubh ann an Alba.

Ach, 's iad buidheann-stiùiridh an Hub an aon bhuidheann anns na h-Eileanan an Iar a fhuair an t-urram, a tha air a mheas co-ionnan le MBE ach do bhuidheannan seach aon neach.

Chaidh Ailean MacLeòid dhan Hub gus faighinn a-mach mar a bha iad a' faireachdainn mun duais.