Naidheachdan 10:00m
Anndra Mountbatten Windsor
Tha teaghlach Virgina Giuffre ag iarradh gun rachadh an tuilleadh rannsachaidh a dhèanamh mun cheangal a bh' aig Anndra leis an drabastair Jeffrey Epstein. Bha iad a' bruidhinn às dèidh do Lùchairt Bhuckingham innse gun tèid tiotal a' Phrionnsa a thoirt bhuaithe agus gun gluais e bhon Loidse Rìoghail ann an Windsor gu dachaigh nas lugha air Oighreachd Sandringham ann an Norfolk. Tha Anndra Mountbatten Windsor - mar a theirear ris a-niste - a' dol às àicheadh gun do rinn e sgath ceàrr an co-cheangal ri Epstein, agus tha e cuideachd a' dol às àicheadh gun tug e ionnsaigh fheiseil air Ms Giuffre.
An Seansalair
Tha comhairliche eitigeach a' Phrìomhaire ag ràdh nach d'fhuair e fianais gun robh an Seansalair ri droch rùn nuair a chuir i dachaigh a teaghlaich a-mach air màl às aonais a' chead a bha dhìth. Thuirt Sir Laurie Magnus gu bheil e a' creidsinn fhathast gur e mearachd a bh' ann.
Luchd-siridh comraich
Thuirt Rùnaire na h-Alba gur e a bhith a' cur luchd-siridh comraich a dh'fhuireach ann an ionadan-airm an dòigh as cùramaiche gus dèiligeadh ris an t-suidheachadh. Bha Douglas Alexander a' bruidhinn agus planaichean ann gus 300 dhiubh a chur ann an Gearastan nan Camshronach ann an Inbhir Nis. Tha Rùnaire a' Cheartais Shòisealta aig Holyrood, Shirley Anne Somerville, air dragh a thogail mun an-shocair a dh'fhaodadh an leithid adhbhrachadh. Thuirt ministear Oifis na Dùthcha, Alex Norris, gu bheil iad ag obair feuch lùghdachadh a thoirt air buaidh nam planaichean.
Turas Tosgaire Aimeireagaidh
Tha Rùnaire na h-Alba, Mgr Alexander, cuideachd gu bhith a' coinneachadh ri Tosgaire nan Stàitean Aonaichte do Bhreatainn ann an Dùn Eideann an-diugh fhathast. Tha dùil gur e gnìomhachas an uisge-bheatha, gnothaichean tèarainteachd agus gnothaichean cumhachd a bhios air a' chlàr-ghnothaich airson na coinneimh eatorra.
Cunntasan cumhachd
Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air innse gun tèid £420m a thoirt bho na cunntasan cumhachd aig na ceudan de chompanaidhean mòra tionnsgalachd bhon Ghiblean an ath-bhliadhna. Tha ministearan ag ràdh gum bi seo na chuidheachadh ann a bhith nas fharpaisiche gu h-eadar-nàiseanta. Tha an t-aonadh Unite ag ràdh ge-tà, gum bu chòir dèiligeadh ri na prothaidean uabhasach ann an roinn a' chumhachd, 's thuirt gnìomhachas na stàilinn nach eil am poileasaidh ùr a tha seo a' dol fada gu leòr.
Cleasan-teine
Tha sònaichean smachdachaidh a thaobh chleasan-teine gan cur an sàs ann an Dùn Èideann an-diugh. Bha comhairlichean a' bhaile air an ceadachadh mar dhòigh feuch dèiligeadh ri dol a-mach mì-shòisealta an co-cheangal ri oidhche Guy Fawkes agus na riaghailtean a tha seo gu bhith an sàs chun an 9mh là den ath-mhìos. Theìd sònaichean smachdachaidh cuideachd a chur an sàs ann an Glaschu a-màireach.