Naidheachdan 10:00
Smachd-bhannan
Tha an t-Aonadh Eòrpach air aontachadh gun rachadh an tuilleadh smachd-bhannan a' stèidheachadh an-aghaidh na Ruis air sàilleabh a' chogaidh san Ucràin. Tha iad seo ag amas air roinnean ionmhais is cumhachd na dùthcha. Thuirt Ceann-suidhe a' Choimisein Eòrpaich, Ursula von der Leyen, gu bheil an EU a' toirt buille air innleachd cogaidh na Ruis leotha.
Merz
Tha Seansalair na Gearmailt air a ràdh gu bheil cunnart na Ruis don Roinn Eòrpa a' dol fada nas fhaide na an Ucràin. Thuirt Friedrich Merz gu bheil e follaiseach nach eil an aon sheòrsa miann aig a' Cheann-suidhe Trump a thaobh na thachras don Roinn Eòrpa sa bh'aig na cinn-suidhe a thàinig roimhe 's nach urrainn do dhùthchannan Eòrpach a bhith cho mòr an eiseimeil taic nan Stàitean Aonaichte a thaobh dìon air a shàilleabh.
Neo-eisimeileachd
Tha John Swinney air ro-innleachd ùr fhoillseachadh son neo-eisimeileachd na h-Alba air thoiseach air na taghaidhean aig Holyrood an ath-bhliadhna. A sgrìobhadh san National, thuirt am Prìomh Mhinistear gur e aonta deamocrataigeach a thaobh referendum an dòigh as fheàrr gus neo-eisimeileachd a thoirt gu buil. Tha cuid san SNP air iarraidh gun rachadh dòigh eile a chleachdadh an leithid a bhith cleachdadh an taghaidh mar referendum de-facto air a' chuspair.
Abbott
Tha Diane Abbott air fàgail air ceannardan Làbarach gu bheil iad airson cuidhteas fhaighinn oirre as dèidh mar a chaidh a cur às a' phartaidh son an dàrna turas. Tha i gu bhith suidhe mar bhall neo-eisimeileach fhad sa tha am Partaidh Làbarach a' dèanamh rannsachaidh air a briathran mu ghràinn-cinnidh. Thuirt Leas Cheannard a' phàrtaidh, Angela Rayner, gur e fìor dhùbhlan a th'anns na thuirt Ms Abbott.
Tubaist A96
Tha na poilis a' sireadh fiosrachaidh mu thubaist rathaid am Moireibh san deach fear a thoirt don ospadal. Thachair an tubaist eadar càr is motorbaidhsagal air an A96 eadar Farais is Inbhir Narann aig mu fhichead mionaid gu trì feasgar an-dè. Chaidh fear am motorbaidhsagail, a tha 18, a thoirt do dh'ospadal an Rathaig Mhòir an Inbhir Nis. Cha deach duine eile a ghoirteachadh.
Bheat Thioradh
Tha dragh air croitearan ann an Tiriodh mu na thachras nuair a leigeas bheat an eilein dhi a dreuchd aig deireadh an Lùnastail. Dh'fheuch Anne Stanley ris an ionad aice a reic, ach tha e air faileachadh oirre thuige seo. Tha Urras Thiriodh fhathast ag obair air fuasgladh air choireigin, ach tha iad ag ràdh nach eil e idir soilleir dè mar a rachadh sin a thoirt gu buil.