Sneachd a' toirt buaidh air grunn sgìrean de dh'Alba

Tha sinn air a' chiad bhlasad den gheamhradh fhaighinn, ged nach eil e air tòiseachadh gu h-oifigeil fhathast.

Bha cuid de sgìrean an Alba nas fhuaire na deich celsius fo ìre reòthaidh tron oidhche a-raoir.

Tha còrr air 25 bliadhna ann bhon a bha i cho fuar sin an Alba cho tràth air an t-seusan. Tha an aithris seo aig Karen Elder ...