Briseadh-dùil mu mhaoineachadh nan oifigearan Gàidhlig

Thog Urras Chille Mhoire san Eilean Sgitheanach dragh mun dòigh san do thabhainn Bòrd na Gàidhlig airgead aona-bhliadhna orra airson dreuchd oifigeir Ghàidhlig an Urrais a chumail a' dol, seach airgead trì-bliadhna mar a bha iad an dùil.

Ach thuirt Bòrd na Gàidhlig gun tèid airgead airson na dàrna, agus na treas bliadhna a chur an dàrna taobh airson 's gum bi cothrom aig buidhnean nach d' fhuair ach maoineachadh aon-bhliadhna air an taic-airgid sin fhathast.

Seo Alasdair MacLeòid.