Duais an Rìgh: "Chan urrainn dhuinn buileach a chreidsinn"
Tha iad a' dèanamh gàirdeachais ann an Ceann a Deas na Hearadh is 'Duais an Rìgh airson Seirbheis Shaor-thoileach' air a buileachadh air Hub an t-Òib.
Fhuair 232 buidheann air feadh na Rìoghachd Aonaichte an duais an-diugh, 25 dhiubh an Alba.
'S iad buidheann-stiùiridh an Hub an aon bhuidheann sna h-Eileanan an Iar a fhuair an t-urram – a tha air a mheas co-ionann ri MBE.