Naidheachdan 11:00m
Starmer
Tha Sir Keir Starmer ann an Washington airson chòmhraidhean ris a' Cheann-Suidhe Trump. Tha dùil gun iarr am Prìomhaire gealltanas Aimeireaganach mu thèarainteachd na h-Ucràin nuair a choinnicheas iad feasgar.
Gàsa
Thuirt Hamas gu bheil iad deiseil airson tòiseachadh air còmhraidhean mun dàrna ìre den fhosadh ann an Gàsa. Thug Hamas seachad a-raoir mar phàirt den chiad earrainn den aonta cuirp cheathrar Israelach a bha am bruid aca.
CnaG
Tha co-labhairt mu chor na Gàidhlig ann an Steòrnabhagh an-diugh a' comharrachadh 40 bliadhna bho chaidh Comunn na Gàidhlig a chur air bhonn. Thàinig sgrùdadh a rinn CnaG bho chionn ghoirid dhan cho-dhùnadh gu bheil mòran òigridh an dèidh 11 bhliadhna de dh'aois a' call am misneachd sa Ghàidhlig. Thuirt John Angus MacAoidh a bha ùine na cheannard air CnaG gun robh iad aig an toiseach a' cur dhaoine mar "mhiseanairaidhean" dha na coimhearsnachdan a dh'innse do phàrantan cho cudromach 's a bha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, agus gum bu chòir, ma ghabhas an t-airgead faighinn, daoine den t-seòrsa sin a chur a dh'obair am measg òigridh sna coimhearsnachdan.
A' Chìs-Chomhairle
Tha dùil gun gabh Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid ri àrdachadh sa chìs-chomhairle an-diugh. Tha toll £2.5m romhpa air an ath bhliadhna-ionmhais, agus tha oifigearan a' moladh a' chìs a chur suas 8.9%. 'S e àrdachadh 7% sa chìs-chomhairle a thathas a' moladh do Chomhairle na Gàidhealtachd mus coinnich iadsan an ath-sheachdain. Tha a' Chomhairle ag ràdh nach fheum iad a dhol dhan stòras aig an ìre seo airson na leabhraichean a chothromachadh, le plana airson £14m a shàbhaladh thar trì bliadhna.
Gene Hackman
Tha poilis sna Stàitean Aonaichte a' rannsachadh bàs an actair Gene Hackman. Fhuair poilis corp Hackman, a bha 95 bliadhna de dh'aois, agus corp a mhnaoi, Betsy Arakawa, a bha 63, nan dachaigh ann an New Mexico an-dè.