Dùil gun aontaich comhairlichean dà sgoil a dhùnadh air a' Ghàidhealtachd

Bun-sgoil a' Bhaid Choill'Tùs an deilbh, Gordon Hatton / Geograph
  • Air fhoillseachadh

Tha dùil gun aontaich comhairlichean na Gàidhealtachd dà bhun-sgoil a dhùnadh aig coinneimh Diciadain.

'S iad sin Bun-sgoil a' Bhaid Choill' air bruaichean an Locha Bhige, agus Bun-sgoil Dhùrair anns an Apainn.

Chan eil sgoilear sam bith air a bhith ann am Bun-sgoil a' Bhaid Choill' thairis air na beagan bhliadhnaichean mu dheireadh.

Ma thèid aontachadh gun tèid a dùnadh gu tur, thèid an sgìre-sgoile anns a bheil i a ghluasad gu Bun-sgoil Ullapuil.

Nas fhaide deas, tha ceathrar chloinne ann am Bun-sgoil Dhùrair an-dràsta, le dithis dhuibh sin a' dol dhan àrd-sgoil as t-samhradh.

Aon uair 's gun tachair sin, chan eil dùil aig a' chomhairle gum bi càil a bharrachd air triùir chloinne innte, ron Lùnastal 2028.

Chaidh co-dhùnadh a dhèanamh gun tèid an sgìre-sgoile a ghluasad gu Bun-sgoil an Naoimh Bhrìde ann am Baile a' Chaolais a Tuath.

Bhathas a' beachdachadh an toiseach air a ghluasad gu Bun-sgoil Bhaile a' Chaolais ach bha pàrantan gu mòr an aghaidh seo leis gum biodh aig an cuid chloinne ri bhith a' siubhal ochd mìle dhan sgoil.