Cocain luach £80,000 air a lorg ann an Steòrnabhagh

- Air fhoillseachadh
Tha na poilis sna h-Eileanan an Iar ag ràdh gun d' fhuair iad drugaichean mì-laghail luach còrr is £87,000 mar phàirt de dh'iomairt aca san Dàmhair.
Fhuair iad cocain luach £80,000 ann an taigh air Rathad Shìophoirt ann an Steòrnabhagh air an 24mh den mhìos. Tha iad ag ràdh gu bheil an sgrùdadh aca a' leantainn.
A bharrachd air an sin, chaidh iad gu dà sheòladh eile ann an Steòrnabhagh air an 20mh den Dàmhair.
Cha deach duine a chur an greim agus tha rannsachadh nam poileas a' leantainn.
Cuideachd, fhuair oifigearan lusan-cainb luach mu £7,200 ann an togalach am Barraigh air an 17mh den Dàmhair.
Chaidh fear, 68, a chur an greim agus fo chasaid, agus thèid aithisg a chur gu Neach-Casaid a' Chrùin mun chùis.
Thuirt an t-Àrd-Inspeactair Ross McCartney: "Tha na fhuair sinn a' dearbhadh cho dealasach 's a tha sinn a thaobh a bhith a' dèiligeadh ri drugaichean mì-laghail agus cunnartach sa choimhearsnachd."
Tha e ag ràdh gu bheil taic a' phobaill riatanach don obair seo, agus ma tha fiosrachadh aig daoine dh'iarr e orra fios a chur orra, taobh a-muigh.