"Foghlam seach deuchainnean" gus dèiligeadh ri drugaichean ann an iomain

Iomain Tùs an deilbh, SNS
  • Air fhoillseachadh

Tha àrd-oifigear ùr Chomann na Camanachd ag ràdh gur e foghlam seach deuchainnean a chleachdas iad gus dèiligeadh ri drugaichean san spòrs.

Dhearbh Ruari Davidson nach deach aon deuchainn a dhèanamh san dà bhliadhna mu dheireadh, a dh'aindeoin is gun robh Comann na Camanachd air innse ann an 2023 gun robh deuchainnean gus tòiseachadh.

Bha manaidsear leasachaidh na Camanachd, Raghnall Ros, air a ràdh aig an àm gun robh trioblaid ann an coimhearsnachdan na h-iomain le drugaichean mar chocain.

Ged a bha e follaiseach do chluicheadairean nach robh deuchainnean a' dol air adhart, tha an t-àrd-oifigear ùr a-nise air seo a dhearbhadh is e ag ràdh gu bheil Comann na Camanachd air slighe eile a thaghadh.

Thuirt Mgr Davidson, a thòisich san dreuchd an-uiridh, gu bheil tuigse nas fheàrr aca air gnothaichean a-nise is gur e foghlam seach deuchainnean prìomh amas na buidhne.

"Tha spòrs a tha saor bho dhrugaichean cho cudromach 's a ghabhas dhuinn is tha sinn air a bhith ag obair còmhla ri sportscotland is UK Anti-Doping gus dèanamh cinnteach gu bheil sinn a' cumail ris na riaghailtean aca.

"Fhuair sinn stiùir bhuapa cuideachd air dè tha freagarrach ann an spòrs amaitearach agus 's e foghlam a mhol iad.

"Mar sin, seach deuchainnean bidh am fòcas againn air foghlam is taic.

Fo-thiotal a’ bhidio,

"Bidh fòcas againn air foghlam is taic seach deuchainnean"

"Bidh iomairtean foghlaim againn air an t-seusan seo ag amas air cluicheadairean ach cuideachd pàrantan is coidsichean, is gun tuig a' choimhearsnachd gu lèir na cunnartan a th' ann is an t-uallach a th' orra dèanamh cinnteach gu bheil an spòrs glan.

"Feumaidh sinn an teachdaireachd sin a sgaoileadh."

Thuirt Mgr Davidson cuideachd gu bheil iad mothachail mu dhùbhlain san fharsaingeachd a tha a' bualadh air a h-uile pàirt den choimhearsnachd, a' toirt a-steach iomain fhèin.

Mar phàirt den sin, tha e ag amas air taic nas fharsainge le gnothaichean mar shlàinte-inntinn.

Ann an 2020, bhruidhinn am fear-ciùil is craoladair Gary Innes mu dheidhinn mar a bha sianar a chluich còmhla ris ann an sgioba a' Ghearasdain air làmh a chur nam beatha fhèin.

Thuirt Mgr Davidson gu bheil Comann na Camanachd ag obair le buidhnean mar SAMH is Mikeysline.

"Ma tha daoine ann le trioblaidean is dùbhlain nam beatha is feum aca air bruidhinn ri cuideigin, tha sinn airson taic is stiùireadh a thoirt dhaibh.

"Tha e cho cudromach 's a ghabhas nach bi daoine san t-suidheachadh air am fàgail leotha fhèin mar gum biodh.

"Tha sinn airson is gum bi an taic sin ann aig ìre na coimhearsnachd is bidh sinn ag obair le coidsichean is cluicheadairean gus seo a thoirt air adhart."

Tòisichidh an seusan ùr Disathairne.