Àrd-oifigear Comhairle nan Eilean Siar a' seasamh sìos

Malcolm BurrTùs an deilbh, Comhairle nan Eilean Siar
  • Air fhoillseachadh

Tha Àrd-Oifigear Comhairle nan Eilean Siar, Malcolm Burr, air innse gum fàg e a dhreuchd sa Mhàrt 2026.

Fuirichidh e na dhreuchd mar Oifigear Taghaidh nan Eilean Siar gu às dèidh taghadh Pàrlamaid na h-Alba, agus mar Fhear-Gairm Bhòrd Stiùiridh Taghaidhean na h-Alba.

Thòisich e mar Àrd-Oifigear na Comhairle san Ògmhios 2005, agus an dèidh 20 bliadhna san dreuchd 's e as fhaide a th' air a bhith san dreuchd sin ann an Alba.

Bha e ron sin ag obair mar Phrìomh Neach-Lagha na Comhairle bho 1994 gu 1997, nuair a dh'fhalbh e a dh'Arcaibh far an robh e ag obair fad ochd bliadhna mar Àrd-Oifigear Riaghlaidh agus Leas-Àrd-Oifigear air Comhairle Arcaibh.

"'S e urram air leth a th' ann a bhith nad Àrd-Oifigear aig a' Chomhairle agus a bhith a' frithealadh air coimhearsnachdan eadar-mheasgte agus mìorbhailteach nan Eilean Siar," thuirt Mgr Burr.

"Tha a-niste còrr air 20 bliadhna bho ghabh mi an dreuchd.

"'S e bliadhnaichean gu math sàsaichte a bha siud dhomhsa, gach cuid gu proifeasanta agus gu pearsanta, agus bheirinn taing do bhuill agus oifigearan na Comhairle, a th' ann 's a bh' ann roimhe, airson an obair agam a dhèanamh cho tlachdmhor."