Bho Innse Gall gu Eileanan Nòrdach

- Air fhoillseachadh
Tòisichidh sreath ùr bìdh air BBC ALBA a-nochd a bheir luchd-amhairc air turas gu eileanan Nòrdach.
Bidh am prògram 'Hebridean Baker: Nordic Islands' air a lìbhrigeadh le Coinneach MacLeòid a tha air fàs ainmeil sna bliadhnaichean mu dheireadh air sgàth a chuid leabhraichean bèiceireachd is còcaireachd.
Bidh ceithir prògraman san t-sreath far an tèid Coinneach gu ceithir diofar eileanan; na h-Eileanan Fàrach, Gotland san t-Suain, Bornholm san Danmhairc agus Lofoten ann an Cearcall na h-Artaig ann an Nirribhidh.
Chan eil e a' mhàin ag ionnsachadh mu bhiadh nan diofar àiteachan ach cuideachd mu cho seasmhach agus cruthachail 's a tha na daoine a tha a' fuireach annta.
Ged a tha Coinneach air nochdadh ann an iomadach prògram seo a' chiad turas a tha e air fear a lìbhrigeadh e fhèin.
"Chòrd e rium a bhith ag ionnsachadh mu bheatha eileanach eile - mun bhiadh agus mun dualchas aca cuideachd.
"Thachair mi ri iasgairean, croitearan agus bèicearan. Rud annasach, ach gu math tric bha e a' faireachdainn gu math Gàidhealach," thuirt e.
Fhuair Coinneach cothrom blasad fhaighinn fhaighinn air feòl chaorach Fhàrach
Tha Coinneach ag ràdh gun do dh'ionnsaich e tòrr air a chuairt.
Chunnaic e cho diofraichte 's a tha gach àite agus iad le an dualchas fhèin ach thuig e cuideachd gu bheil na sgìrean sin agus eileanan na h-Alba coltach ri chèile.
Fhuair e cothrom rudan ùr fheuchainn: "Ghabh mi biadh a bha ùr dhomh, leithid ceann chaorach Fàrothach. Obh, obh, bha sin 'tough'!"
Chithear e cuideachd a' feuchainn trosg Artaigeach a chaidh a thiormachadh a-muigh ann an Lofoten, ag ithe feòl chaorach thòirnichte sna h-Eileanan Fàrach, agus a' grùdadh leana ann an Gotland.
Hebridean Baker: Nordic Islands
Coinneach MacLeòid air chuairt anns na h-Eileanan Nòrdach
Mar a shaoilear tha fuine a' dol air adhart cuideachd.
Ann am Bornholm tha Coinneach ag ionnsachadh barrachd mu phastraidhean Danmhairgeach, agus a' faighinn blasad orra.
"'S urrainn dhomh a ràdh le cinnt tha eileanaich anns gach ceàrnaidh gu math pròiseil agus bu chòir dhaibh a bhith le dualchas cho làidir.
"Agus bu chòir dhuinn fhìn, mar Ghàidheil, a bhith an aon dòigh," thuirt e.
Thèid am prògram a chraoladh an toiseach sa Ghàidhlig air BBC ALBA.

Chaidh dreach Beurla a dhèanamh cuideachd agus thèid sin a chraoladh gu h-eadar nàiseanta an ath-bhliadhna.
Thuirt Coinneach gu bheil cuid air fhaicinn mar tha: "Chuala mi gun deach an dreach Beurla a shealltainn aig Fèis Telebhisein Cannes. Abair posh!
"Abair rud math airson a bhith a' taisbeanadh ar cànain is ar cultair aig ìre nàiseanta agus eadar-nàiseanta."
Thèid a' chiad phrògram a-mach a-nochd aig 9.30f agus bidh e ri fhaighinn air iPlayer a' BhBC.