£50,000 de thaic do Thaigh-spadaidh Steòrnabhaigh

- Air fhoillseachadh
Cleachdaidh Comhairle nan Eilean Siar £50,000 de dh'airgead bho Oighreachd a' Chrùin nach deach a chur mu choinneimh phròiseactan sam bith airson taic a chumail ri seirbheis Taigh-Spadaidh Steòrnabhaigh sa bhliadhna-ionmhais a tha romhainn.
Nì iad seo fhad 's a thèid beachdachadh air dòighean eile anns an gabh teachd-a-steach a' ghoireis a leasachadh.
Thàinig e am bàrr an lùib chòmhraidhean mu bhuidseat na Comhairle gun robh cosgaisean an taighe-spadaidh £60,000 thairis air buidseat sa bhliadhna-ionmhais seo fhèin.
'S e Taigh-Spadaidh Steòrnabhaigh an aon taigh-spadaidh ann am Breatainn a th' air a ruith le ùghdarras ionadail, agus e ga fhaicinn riatanach airson croitearachd a chumail a' dol.
Tha nas lugha 's nas lugha bheathaichean gan cur ann ge-tà, 's tha a bhuil aige sin air suidheachadh ionmhais an ionaid.
Targaidean
Sheall aithisg a rinneadh air an t-seirbheis 's a chaidh a chur mu choinneimh Comataidh Còmhdhail is Bun-structair na Comhairle Dimàirt an t-seachdain seo gun deach £40,000 a thoirt a-mach à buidseat an taighe-spadaidh san dà bhliadhna-ionmhais mu dheireadh.
Thuirt an aithisg cuideachd gun deach targaidean a stèidheachadh airson an t-seirbheis a mhaoineachadh le teachd-a-steach a-mhàin, gun taic bhon Chomhairle fhèin.
Ach airson airgead na Comhairle fhaighinn air ais, thuirt an aithisg gum feumte cosgaisean cleachdaidh an taighe-spadaidh àrdachadh 45%, no gum feumadh 60% a bharrachd de bheathaichean a bhith a' dol troimhe.
"Tha e a-niste follaiseach nach gabh pàigheadh airson an taigh-spadaidh a ruith le teachd-a-steach a-mhàin air bun-stèidh bhliadhnail, 's gum feum a' Chomhairle fhèin cosgaisean a bharrachd sam bith a phàigheadh," thuirt an aithisg.
Tha dùil gun tèid làn-ath-sgrùdadh air cosgaisean na seirbheis a chur air beulaibh chomhairlichean sa Ghiblean no san Ògmhios 2025, le fiosrachadh nas mionaidiche na chois a thaobh chosgaisean agus an fheum a thathas a' dèanamh den ghoireas.