Cànanan a' lùghdachadh buaidh na h-aoise

Thathar a' cumail a-mach gu bheil ioma-chànanas nas fheàrr buileach airson fallainneachd eanchainne nar seann aois
- Air fhoillseachadh
Bidh iad ag ràdh nach tig an aois leatha fhèin ach dh'fhaodadh nach bi crìonadh eanchainne cho luath aig luchd-labhairt barrachd air aon chànan, a rèir rannsachaidh ùir eadar-nàiseanta.
Rinn acadaimigich an Chile, Sasainn agus na Stàitean Aonaichte sgrùdadh air an dàimh eadar ioma-chànanas agus am pròiseas aoiseachaidh am measg 86,000 duine eadar aois 51 agus 90 ann an 27 dùthaich Eòrpach.
Chaidh an cuid obrach fhoillseachadh san iris Nature Aging, taobh a-muigh, agus fhuair iad gun robh feadhainn le aona chànan a-mhàin nas dualtaiche a bhith a' fàs aosta nas luaithe.
"Bha sinn airson dèiligeadh ris a' bheàrn ann an rannsachadh aoiseachaidh agus 's e sin am faod ioma-chànanas maill a chur air fàs sean," thuirt fear de dh'ùghdaran na h-aithisg, Agustín Ibañez bho Oilthigh Adolfo Ibáñez ann an Santiago.

Tha an luchd-rannsachaidh an dòchas gum bi daoine air am misneachadh cànan ionnsachadh
Sheall rannsachadh roimhe gum faodadh gu bheil comas barrachd air aon chànan a bhruidhinn math do chuimhne agus aire dhaoine agus a' cumail an eanchainn fallainn nan seann aois.
Rinn an Dr Inge Birnie bho Oilthigh Shrath Chluaidh a cuid rannsachaidh fhèin air na ceanglaichean eadar dà-chànanachas agus seargadh-inntinne. , taobh a-muigh
"Tha an rannsachadh seo a' sealltainn gu bheil dà chànan nas fheàrr na aon chànan ach gu bheil iomadh cànan - trì, neo ceithir neo còig - nas fheàrr buileach," thuirt i.
Thuirt an saic-eòlaiche bho Oilthigh Auburn ann an Albama, Susan Teubner-Rhodes, gur dòcha gum bi daoine air am brosnachadh dàrna cànan ionnsachadh mar thoradh air na fhuair an rannsachadh.
Tha an Dr Birnie ag aontachadh leis a bheachd sin.
Thuirt i: "Tha rannsachadh eile a' sealltainn ma bhios tu ag ionnsachadh cànain bidh iomadh facal ann airson aon rud agus mar sin tha iomadh ceangal ann agus 's dòcha gum bi iad sin fhathast an sàs agus a' cumail a' dol fiù 's ma bhios tu a' fàs sean."