35 bliadhna air bòrd bhàta-teasairginn Phort Rìgh

Hamish CorrigallTùs an deilbh, RNLI
  • Air fhoillseachadh

Tha Sgitheanach air crìoch a chur air 35 bliadhna ag obair gu saor-thoileach air bàta-teasairginn Phort Rìgh.

Ghabh Hamish Corrigall dhan chriutha an toiseach ann an 1990, 's e am measg a' chiad chriutha a bh' ann nuair a chaidh bàta-teasairginn a stèidheachadh ann am Port Rìgh 'son a' chiad uair.

"Thàinig an RNLI a Phort Rìgh san Dàmhair 1990 's dùil aca seirbheis bhàta-teasairginn a stèidheachadh dàrna cuid am Port Rìgh no ann an Ùige," thuirt Hamish.

"Bha pìos pàipeir aca air an cuireadh daoine an ainmean ma bha ùidh aca a dhol an lùib a' chriutha, 's chuir mi romham m' ainm a chur sìos.

"Chaidh mo chlàradh gu h-oifigeil san t-Samhain 1990 's chaidh mi an lùib an RNLI airson 35 bliadhna air a' cheann thall."

Ann an 1996, nuair a thàinig an seòrsa bhàta-teasairginn Trent Class a th' ann an-diugh, an Stanley Watson Barker, ghabh Hamish obair sgiobair saor-thoileach a' bhàta os làimh.

Chaidh e làn-ùine san obair sin bhon Iuchar 2013, rud a dh'fhàg gun robh e ri fhaighinn a là 's a dh'oidhche, 's gum biodh pèidsear an stèisein na chois fad an t-siubhail.

A dh'aindeoin a cheangail làidir theaghlaich ris an iasgach, cha robh càil a dhùil aig Hamish an toiseach a dhol gu muir.

"Mus do dh'fhàg mi an sgoil, cha robh ùidh agam ann a bhith ag obair aig muir," thuirt e.

"Bha mi gu bhith a' togail bhàtaichean còmhla ri m' uncail. Ach bhàsaich m' uncail mus b' urrainn dhomh tòiseachadh 's cha do thachair sin.

"Chaidh co-dhùnadh gun tòisichinn ag obair air na bàtaichean iasgaich 's na tràlairean. Tha an t-iasgach 's a' mhuir san fhuil agam gun teagamh, a dh'aindeoin 's gun robh mi airson fiaradh air falbh bhuaithe sin gu ìre an toiseach!"

Hamish CorrigallTùs an deilbh, RNLI

Tro na bliadhnaichean aige leis an RNLI, 's iomadh rud a dh'fhiosraich e, eadar a bhith an làthair aig fosgladh oifigeil stèisean an RNLI ann am Poole ann an Dorset, 's a bhith aig pàrtaidh ghàrraidh aig Taigh an Ròid an Dùn Èideann a' riochdachadh na buidhne.

'S e na gairmean as motha a tha na chuimhne ge-tà, aonan gu h-àraid.

"Bha againn ri dhol a dhèanamh cobhair air bàta chlèibh far Gheàrrloch a bha a' gabhail uisge," thuirt e.

"Nuair a ràinig sinn an làrach, bha am bàta air a dhol fodha cho mòr 's nach robh càil ri fhaicinn nas ìsle na an deic fhèin, 's bha sinn cinnteach gun caillte gu tur i.

"Ach cho-dhùin sinn pumpa air bòrd feuch an cumadh sin air bhog i.

"Bha soitheach eile a bha faisg air làimh air a criutha a thoirt dhith, ach thàinig iad air ais air bòrd 's chaidh againn air a cur air bhog a-rithist, 's chaidh a slaodadh a Gheàrrloch.

"Shàbhail sin chan e a-mhàin beatha a' chriutha ach am bàta fhèin, 's tha cuimhne agam air chun an là an-diugh."

Chuir Hamish dheth am pèidsear aige toiseach na Samhna, 's tha e a-niste a' gabhail fois, ged a tha moladh ga dhèanamh air le a cho-obraichean.

"Tha Hamish air a bhith aig cridhe criutha Bhàta-teasairginn Phort Rìgh bho chaidh an stèisean a stèidheachadh tràth sna 1990an," thuirt Stiùiriche Obraichean RNLI Phort Rìgh, Dùghlas MacDhùghaill.

"Bha e an sàs anns na ceudan iomairtean cobhair thar nan 35 bliadhna aige, cuid dhiubh traidseigeach, ach chaidh fada a bharrachd dhaoine a shàbhaladh.

"Bha a chomasan mar sgiobair air leth 's tha spèis mhòr aig a' chriutha, an RNLI nas fharsainne agus maraichean eile mun chosta againn dha.

"Tha an stèisean fada na chomain airson a dhealais thar nan 35 bliadhna a bha sin, agus bheireamaid ar taing dha."