Luaidh ga dhèanamh air Dùghall Ros

'S e Dùghall Ros "Fear nan Dìneasairean" a thug eachdraidh dhìneasairean an Eilein Sgitheanaich gu aire an t-saoghail mhòir
- Air fhoillseachadh
Tha luaidh ga dhèanamh air Dùghall Ros à Ealaiseadar san Eilean Sgitheanach a chaochail Dimàirt aig aois 68.
Bha Dougie na shàr-eòlaiche air dìneasaran agus chaidh urram dotaireachd a bhuileachadh air an-uiridh 'son na h-obrach sin.
Bha e an sàs gu mòr ann an toirt lorgan dìneasar agus fosail am follais san eilean agus b' e a stèidhich agus a bha a' ruith taigh-tasgaidh nan dìneasar faisg air Stafainn.
Bha e tric ri fhaicinn air a' chladach ann an Stafainn, Dùn Tuilm is àiteachan eile a' sealltainn 's a' mìneachadh do chloinn-sgoile, luchd-turais agus eòlaichean an t-saoghail na h-eachdraidh a bha fo an cois.
B' e sùil gheur Dhougie a thug an eachdraidh sin am bàrr.
"Tha an t-eòlas a th' againn air dìneasairean ann an Alba, tha seo ùr," thuirt an t-Oll Steve Brusatte, a tha na Phaleòlaiche aig Oilthigh Dhùn Èideann.
"Cha deach na ciad lorgan aithneachadh gu na 1980an.
"Ach lorg Dougie lorgan dìneasar nuair a bha e na bhalach san Eilean Sgitheanach.
"Dh'innis e do a thidsear, ach cha robh duine ga chreidsinn. Air a' cheann thall, bha e ceart."

B' e òigridh a bhrosnachadh ùidh a bhith aca sna bha mun timcheall a bu mhotha a thug tlachd do Dhùghall
Thogadh Dùghall air Cnoc nan Dìthean ann an Ealasiadar, air iomall Stafainn, mu choinneimh a' Chuidh Fhraing.
"An t-adhbhar a thòisich e an taigh-tasgaidh, 's e gun robh e a-muigh anns a' mhòine còmhla ri athair là," thuirt Sìne Ghilleasbuig, a bha ag obair còmhla ri Dougie air Urras an Taobh Sear.
"Mhothaich e dha clachan anns an talamh, agus thuirt e ri athair 'an aithne dhuibh càil mu na clachan sin?'
"'S thuirt athair ris 'sin agad Clach an Airgid'.
"An ath là bha e air ais a' cladhaich aig Clach an Airgid agus lorg e tha mi a' smaoineachadh gur e còig saigheadarn bhon Nuadh-Leacach (Linn Ùr na Cloiche).
"A-mach às a h-uile càil a thog Dùghall bhon uair sin 's iad na rudan a bu phrìseile do Dhùghall, oir chuir na saigheadan sin e air slighe beatha."
Creagan
Dh'fhàg Dùghall an sgoil nuair a bha e 16. Mun àm a bha e 19, bha e air taigh-tasgaidh a stèidheachadh a bha a' taisbeanadh nam fosailean a lorg e fhèin.
Tha an t-àite sin a' tàladh nam mìltean chun an là an-diugh.
"Mus do thòisich Dougie a' togail fhosailean cha robh ach glè bheag fiosrachaidh againn," thuirt an t-Oll Brusatte.
"Tha fhios againn a-niste gur e pàras fo-thropaigeach a bh' anns an Eilean Sgitheanach le tràighean is lagùin làn dìneasairean - feòil-itheadairean 's feadhainn biastail mòr le amhaichean fada cho mòr ri grunn oileabhain air an cur còmhla a dh'fhàg an lorgan anns na lagùin.
"Chruinnich Dougie uiread de na fosailean sin, agus 's e dìleab a tha sin a mhaireas gu bràth."
Cha b' e dìneasairean a-mhàin a bh' air inntinn, ach eachdraidh àite àraich, bho chleachdadh an fhearainn gu beul-aithris a shinnsearan.
Air sgàth na h-obrach a rinn e le fosailean ge-tà, fhuair e duais Bonn Mary Anning bho Chomann nam Paeleòlaichean.
An-uiridh, chaidh ceum urramachd dotaireachd a bhuileachadh air le Oilthigh Dhùn Èideann.
Òigridh
'S e a bhith a' brosnachadh òigridh ùidh a bhith aca anns na bha mun cuairt orra a bu mhotha a thug toileachas dha ge-tà, mar a thuirt e fhèin anns a' phrògram "Eilean nan Dìneasairean" air BBC ALBA bho chionn beagan bhliadhnaichean.
"A h-uile là bidh clann a' tighinn a-staigh còmhla ri am pàrantan le fosail no dhà a tha iad air fhaighinn air na cladaichean, agus uaireannan cha bhi fios aca dè th' annta," thuirt e.
"Agus bidh iad a' tilleadh ann an seo gan sealltainn dhomh.
"Mar as trice cha bhi ann ach belemnite - ach tha sin cudromach airson clann, gu h-àraid an aois aca. Tha e milleanan de bhliadhnaichean de dh'aois.
"Nuair a dh'innseas tu sin do phàiste tha na sùilean aca a' lasadh suas.
"Tha thu ag ràdh riut fhèin, 'cumaidh iad a' chuimhne sin, 's cumaidh iad am fosail, agus bheir e dhaibh misneachd."
Bha Dùghall 68 's e air a bhith tinn greis.
Tha e a' fàgail a mhnaoi, Debbie, triùir chloinne, agus ogha.
Leanaidh obair Thaigh-tasgaidh nan Dìneasairean a-niste le a theaghlach aig an stiùir.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh2 An Lùnastal 2019

- Air fhoillseachadh10 An Gearran 2024
