Briseadh ann an riaghailtean Slàinte is Sàbhailteachd aig Stòras Uibhist

Oifis Stòras Uibhist
  • Air fhoillseachadh

Tha sia seachdainean aig Stòras Uibhist dèiligeadh ri bristeadh ann an riaghailtean Slàinte is Sàbhailteachd agus molaidhean eile a chur an sàs, a rèir aithisg bho Roinn-ghnìomha Slàinte is Sàbhailteachd.

Tha an aithisg cuideachd ag ràdh nach eil a' buidheann ag obair mar a bu chòir, ach tha e ag aithneachadh gu bheil stiùirichean agus luchd-obrach uile ag amas air buannachd dhan choimhearsnachd.

Chaidh an aithisg a dhèanamh às dèidh do ghrunn luchd-obrach aig an uachdaran choimhearsnachd gearanan a thogail as t-samhradh am-bliadhna mun uallach a bh' orra san àite-obrach is mun bhuaidh a bha sin a' toirt air an cuid slàinte.

'S e neach-sgrùdaidh bho Chomhairle nan Eilean Siar a rinn an aithisg às leth Roinn-ghnìomha Slàinte is Sàbhailteachd

Tha an aithisg a' sealltainn nach deach poileasaidh Slàinte agus Sàbhailteachd Sealladh na Beinne Mòire, companaidh pàrant Stòras Uibhist, ùrachadh bho 2009.

Tha e cuideachd a' nochdadh nach deach measadh a dhèanamh air cunnartan Slàinte is Sàbhailteachd bhon Mhàrt 2020.

Bu chòir dha sin a bhith air a dhèanamh gach bliadhna.

'S e dleastanas laghail a th' ann, tha an aithisg a' mìneachadh, stad a chur air uallach obrach.

Tha sia seachdainean aig Stòras ath-sgrùdadh mionaideach a dhèanamh air a' phoileasaidh, agus barrachd fiosrachaidh a chur ris, agus ris a' mheasadh-cunnart san àite-obrach.

Feumaidh na molaidhean a thig às a sin a bhith air an cur an sàs taobh a-staigh sia seachdainean, le moladh gum bu chòir neach comasach a chur os cionn dèanamh cinnteach gun tèid seo a dhèanamh.

Tha an aithisg cuideachd ag ràdh gun robh e follaiseach bho chòmhraidhean ri stiùirichean taice na buidhne, no non-executive directors, gun robh "mì-chinnt" ann mu dè tha an cois na h-obrach sin.

Bha a' phuing sin air tighinn am bàrr an t-seachdain seo chaidh ann an aithisg bhon bhuidhinn Mentor aig Banca Rìoghail na h-Alba, a fhuair gun robh riaghladh an uachdairean choimhearsnachd "dìreach uabhasach" is gu bheil buaireadh aig ìre bùird air cron nach gabh tomhas a dhèanamh air cliù na buidhne.

Tha aithisg Roinn-ghnìomha Slàinte is Sàbhailteachd ag ràdh gum bu chòir dha na stiùirichean taice uile trèanadh a dhèanamh mun obair is dleasdanasan aca, is mar bu chòir coinneamhan a chumail is a chlàradh.

'S e stiùirichean taice a th' anns na stiùirichean uile aig Sealladh na Beinne Mòire.

Bu chòir cuideachd, tha an aithisg ag ràdh, luchd-obrach is stiùirichean taice trèanadh a dhèanamh a thaobh a bhith ag obair còmhla a' dol air adhart.

Tha e follaiseach, a rèir an neach-sgrùdaidh, nach eil a' bhuidheann idir ag obair gu h-èifeachdach an-dràsta, ach cuideachd gun robh gach neach soilleir gur e maith na coimhearsnachd am prìomh amas.

Bu chòir do dhaoine, tha e co-dhùnadh, sgaraidhean-beachda a chur an dàrna taobh is "an dealbh farsaing fhaicinn"

Thuirt neach-labhairt bho Shealladh na Beinne Mòire gun dèan am bòrd measadh air na puingean san aithisg, agus gun tèid atharrachaidhean iomchaidh a thaobh trèanadh agus stiùireadh poileasaidhean cunnart a chur an sàs gu sgiobalta.

Thuirt iad gu bheil am bòrd a' gealltain dèanamh cinnteach gu bheil a' bhuidheann air fad a' cumail ri riaghailtean agus poileasaidhean iomchaidh Slàinte is Sàbhailteachd.