Oidhirp seirbheis bheat Thiriodh ath-stèidheachadh

- Air fhoillseachadh
Tha oidhirp a' dol ann an Tiriodh seirbheis bheat a chur air dòigh a-rithist.
Tha an t-eilean air a bhith às aonais lighiche-sprèidh bho leig an tè a bh' ann, Anne Stanley, dhith a dreuchd as t-samhradh.
Dh'fheuch i ris an ionad shlàinte bheathaichean a reic, ach ged a nochd ùidh às dèidh bhideo a bhith air an eadar-lìon, dh'fhailich oirre sin a dhèanamh.
Tha croitearan a-nis air buidheann air a bheil Animal Care Tiree a chur air dòigh 's iad ag amas air an t-ionad bheat a cheannach agus a ruith mar choimhearsnachd.
Tha a' bhuidheann mar-tha air seirbheisean bheat a thoirt a-steach dhan àite le Lighichean-sprèidh Chluaidh a' tadhal air an eilean son beagan làithean san t-Sultain agus nas tràithe air a' mhìos-sa.
Ged a tha sin a' toirt beagan faochaidh do chroitearan chan e freagairt mhaireannach a th' ann, gu sònraichte seach nach eil àite aig na lighichean-sprèidh a tha a' tadhal air an eilean far an dèan iad an cuid obrach.

Tha Coinneach MacFhionghain air fear de na croitearan a tha sa bhuidhinn Animal Care Tiree
Tha seo gu sònraichte dùbhlanach nuair a thathas a' dèiligeadh ri beathaichean beaga agus ionad lannsaireachd a dhìth airson sin, arsa Coinneach MacFhionghain bhon bhuidhinn: "Tha sinn a-nis a' faicinn na buaidhe. Feumar a dhol dhan Òban le coin agus cait.
"Feumaidh daoine le crodh rudan a dhèanamh iad fhèin. Ma tha beathach le cas ghoirt feumar feuchainn ri sin a 'shortadh'.
"Ach an rud as motha, ma dh'fheumas cur às do bheathach, feumaidh croitearan iad fhein sin a dhèanamh agus mur a h-eil gunna aca... Sin an aon dòigh cur às do bheathach agus chan eil sin math.
"Tha e laghail, ach chan eil e math dhan àite.
"Nuair a thig sinn a-staigh dhan earrach as deidh na bliadhna ùire bidh àm breith nan uan agus bidh na laoigh a' tighinn agus mura bi bheat againn ann an sin airson croitearachd tha 'carnage' gu bhith againn."
"Carnage gu bhith ann"
'S e amas Animal Care Tiree gur e ionad bheat neo-phrothaide a bhiodh ann agus bhiodh triùir no ceathrar lighichean-sprèidh locum a' tighinn chun an eilein aig diofar amannan ga fhrithealadh.
Bhiodh cuideigin a dhìth airson obair-rianachd a dhèanamh agus dh'fheumadh sgilean teicneòlais bheat a bhith aca.
'S e an t-amas cuideachd gum biodh an t-ionad a' reic 'drench' agus drugaichean agus a' tabhann sheirbheisean eile san àm ri teachd.
Cha deach a leithid a dhèanamh san Rìoghachd Aonaichte a-riamh roimhe.
Tha na riaghailtean a tha a' cuairteachadh ionadan agus seirbheisean bheat gu math teann.
Cha bhiodh e saor nas motha.

Dhùin ionad an lighiche-sprèidh aig deireadh an Lùnastail
Tha a' bhuidhean an-dràsta a' sireach comhairle air a' chùis.
Tha iad a' conaltradh le Colaiste Rìoghail nan Seirbheisean Lìghiche-sprèidh, Comunn Lighiche-sprèidh Bhreatainn agus Àrd-Lighiche-sprèidh na h-Alba.
Thuirt a' bhuidheann gu bheil fios aig Ministear nan Cùisean Dùthchail, aig a' bhall phàrlamaid Albannach aca agus aig a' Phrìomh Mhinistear mun t-suidheachadh aca agus gu bheil iad a' faighinn taice bho Oilthigh Ghlaschu agus Sgeama Taice Lighiche-sprèidh na Gàidhealtachd 's nan Eilean.
Tha Coinneach ag ràdh gum biodh dòigh ann taic fhaighinn nam biodh an t-ionad lighiche-sprèidh fo shealbh na coimhearsachd.
"Ma cheannaicheas a' choimhearsnachd an t-ionad gheibheadh sinn subsadaidh bhon Riaghaltas airson na locums agus siubhail.
"Feumaidh sinn bheat airson ainm a chur air mullach an dorais. Feumaidh bheat ainmichte a bhith aig a' 'phractice' agus sin an cnap-stara mòr a tha againn an-dràsta.
"Chan fhaod coimhearsnachd no daoine seirbheis lighiche-sprèidh a ruith gun bheat a bhith aig mullach an rud.
"Tha mòran bheataichean air ar cùlaibh agus air taic a thoirt dhuinn. Ach sin aon rud air nach eil freagairt againn air an-dràsta - bheat ainmichte," thuirt e.