Luaidh ga dhèanamh air Niall Friseal

- Air fhoillseachadh
Tha luaidh ga dhèanamh air Niall Friseal, a bha bliadhnaichean aig àrd-ìre ann an craoladh is gu mòr an sàs ann an stèidheachadh an dà chuid BBC Radio nan Gàidheal is BBC ALBA.
Rugadh Mgr Friseal ann an Uibhist a Deas ach ghluais an teaghlach dhan Eilean Sgitheanach nuair a bha e na bhalach òg.
Thòisich e ag obair le seirbheis rèidio Gàidhlig a' BhBC anns na 1960an.
A' coimhead air ais air àm nuair nach robh ach ceathrar san sgioba, thuirt Mgr Friseal gun robh e "mar gum biodh tu ag obair ann an teaghlach".
Anns na làithean tràth sin, bha e gu mòr an sàs ann am prògraman pìobaireachd gu sònraichte.
Chanadh Mgr Friseal le gàire mòran bhliadhnaichean às dèidh sin gun deach obair na pìobaireachd "a sparradh" air le Fred MacAmhlaidh, ach gur e rud a bh' ann a chòrd ris gu mòr.
Tro na 70an choisinn e fìor cliù mar riochdaire telebhisein, agus tràth anns na 1980an chaidh ainmeachadh mar cheannard Craoladh na Gàidhlig aig a’ BhBC, far an robh e os cionn an dà chuid rèidio agus telebhisean sa chànan.
'S e àm fìor chudromach a bha seo dha craoladh na Gàidhlig.
Ann an 1982 bha am BBC air poileasaidh Gàidhlig a stèidheachadh airson a' chiad uair le gealltanas seirbheis craolaidh Gàidhlig a stèidheachadh agus airgead a lorg gus barrachd luchd-obrach fhastadh.
An cois seo cuideachd bha gealltanas na bha iad a' craoladh de Ghàidhlig a dhùblachadh gu 30 uairean a thìde san t-seachdain ro 1988.
Thuirt Fred MacAmhlaidh gur e seo "mu dheireadh thall stèidh na Gàidhlig", ach le Mgr MacAmhlaidh a' leigeil dheth a dhreuchd às dèidh 30 bliadhna aig a' BhBC, 's ann air Niall Friseal a thuit uallach am poileasaidh a thogail far pàipeir is a chur an gnìomh.
Stèidheachadh BBC Radio nan Gàidheal
A' gabhail dreuchd mar cheannard Craoladh na Gàidhlig aig a' BhBC, chaidh Mgr Friseal an sàs sa bhad gus barrachd airgid fhaighinn airson na Gàidhlig.
Dh'aithnich e cuideachd gun robh feum air atharrachaidhean bunaiteach.
"Bha an t-seirbheis a bh' againn caran briste," mhìnich Mgr Friseal.
"Bha prògraman a' dol a-mach às na h-Eileanan an Iar a-mhàin fo bhratach Radio nan Eilean, bha prògraman a' dol a-mach air a' Ghàidhealtachd a-mhàin bho Inbhir Nis, is bha prògraman a' dol a-mach air feadh Alba a' tighinn à Glaschu.
"Shaoil mi nach robh sin a' toirt seirbheis choileanta dha na Gàidheil. Tòrr den stuth, ged a bha e gu math tarraingeach dha na daoine a bha a' fuireach anns na h-Eileanan, cha robh e a' freagairt air daoine a bha a' fuireach ann an eileanan eile.
"Bha mi gu math mothachail den sin agus dh'fheuch mi ris an rud a tharraing ri chèile, le bhith gan toirt còmhla fon aon bhratach: chan e Radio BBC na Gàidhealtachd is Radio nan Eilean, ach fo bhratach Radio nan Gàidheal.
"Tha mi a' smaoineachadh gun do chuidich an tiotal sin gu mòr le bhith a' tarraing gach ionad ri chèile."
'S e an leasachadh sin ann an 1985 a thug BBC Radio nan Gàidheal gu bith.
Ged as ann air a’ Ghàidhealtachd ‘s na h-Eileanan a bha Radio nan Gàidheal a’ craoladh an toiseach, chaidh aig Mgr Friseal air a’ cheann thall air a stèidheachadh mar làn-sheirbheis nàiseanta do na Gàidheil air feadh Alba.
Às dèidh nan ceumannan mòra seo ann an craoladh Gàidhlig a chur air bhonn, ghabh Mgr Friseal dreuchd cheannard Radio Scotland ann an 1987.
Bha e anns an obair gu 1992.
BBC ALBA
Ach bha Mgr Friseal an-còmhnaidh an sàs ann an gnothaichean Gàidhlig is bhiodh àite mòr aige ann an ceum mòr eile le stèidheachadh BBC ALBA.
Faisg air deireadh na 1990am, dh'iarr Brian MacUilleim mar mhinistear le uallach airson na Gàidhlig air Niall Friseal slighe a dhealbh a dh'ionnsaigh seanail telebhisean Gàidhlig a stèidheachadh, aithisg a nochd ann an 1998.
Ged nach tàinig an seanal gu buil taobh a-staigh còig bliadhna mar a bha an aithisg a' moladh, chaidh BBC ALBA a stèidheachadh ann an 2008.
Nuair a thachair sin bha Mgr Friseal na chathraiche air Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig (mar a bhathar a' gabhail air MG ALBA), a bhiodh a' ruith an t-seanail ùir ann an co-bhanntachd leis a' BhBC.
"Tha sinn a' cur fàilte air co-dhùnadh Urras a' BhBC," thuirt Mgr Friseal aig an àm.
"'S e ceum cudromach a tha seo do chraoladh Gàidhlig agus 's urrainn dhuinn leantainn oirnn ann an co-bhanntachd leis a' BhBC le ar cuid deasachaidhean don t-seirbheis thelebhisein ùir do mhuinntir na h-Alba."
Bha e glè iomchaidh gun robh e cho mòr an sàs sa cheum eachdraidheil seo às dèidh dha a bhith aig cridhe leasachadh craoladh na Gàidhlig thar iomadh bliadhna, is e air obair mhòr a dhèanamh a dh'ionnsaigh seanail a stèidheachadh.
A' bruidhinn bho chionn beagan bhliadhnaichean, mhìnich Niall Friseal cuid de na cnapan-starra a bha san rathad air craoladh Gàidhlig, beachdan cheannardan nam measg.
"Bha iad leisg Gàidhlig a chur air an telebhisean. Gach turas a bha thu a' coimhead ann an sùilean nam manaidsearan bha thu a' faicinn gun robh iad a' smaoineachadh 'Seo na Gàidheil a-rithist, tha mi an dòchas gu bheil iad taingeil airson na tha sinn a' dèanamh dhaibh'.
"Cha robh tuigse feallsanachail aca air a' phrionnsabal gun robh a' Ghàidhlig na pàirt de dh'Alba."
'S e an obair mhòr a rinn leithid Nèill Fhriseil a tha air fàgail gu bheil àite na Gàidhlig ann an craoladh air atharrachadh cho mòr bhon uairsin.
Chaochail Mgr Friseal Dihaoine aig aois 86.
Tha e a' fàgail dithis nigheanan is mac.