Triùir an Uibhist air a bhith ag obair 150 bliadhna eatorra do SSEN
- Air fhoillseachadh
Bidh triùir de luchd-obrach SSEN a' comharrachadh clach-mhìle an ceann beagan mhìosan agus iad air a bhith còmhla ris a' chompanaidh chumhachd airson 150 bliadhna eatorra.
Airson a' mhòr-chuid den ùine sin 's ann aig an stèisean-dealain ann an Loch a' Chàrnain a tha iad air a bhith stèidhichte.
Tha còrr air 30 bliadhna ann bho chaidh càball dealain a chur eadar an t-Eilean Sgitheanach agus Uibhist, agus chan eil feum air an stèisean-dealain a-nis ach nuair a bhios trioblaid ann leis a' cheangal sin.
Mar sin, ged a tha an triùir air na dreuchdan làitheil a leigeil dhiubh, tha SSEN gan cumail air na leabhraichean mar eòlaichean air an obair.
Thòisich Dàibhidh McCounnan san dreuchd aig fìor thoiseach gnothaich nuair a bha an stèisean-dealain ùr, corr agus 50 bliadhna air ais, agus mus deach an stèisean a choimiseanadh.
"Chaidh iarraidh orm a thighinn airson sia seachdainean airson an stèisean a chur an òrdugh leis gun robh an luchd-togail an seo," thuirt e.
"Bha mi ann airson trì mìosan, agus thàinig mi a-rithist air an 1mh den Iuchar 1974."
'S ann ag obair a-mach às an t-seomar-stiùiridh a bha Mgr McClounnan: "B' e an obair agad sgrùdadh a dhèanamh air a h-uile càil, bho mhullach an stèisein, na tancaichean, ìrean ola, na h-einnseanan agus a h-uile càil a bh' ann."
Thòisich Willie MacAnndrais ann an 1977.
Bha e ann 11 bliadhna mus deach e a-mach air na loidhnichean, agus thill e an uair sin dhan stèisean.
Leig esan dheth a dhreuchd bho chionn 10 bliadhna ach tha e fhathast a' faighinn obrach le SSEN.
Le grunn einseanan mòra a' ruith, agus ri an cumail a' dol bha gu leòr mu choinneimh gach là: "Nuair a thòisich mise bha an t-àite air a ruith làn-ùine agus bha fuaim gu leòr ann.
"Bha an t-àite gu math trang, bha tòrr ri dhèanamh agus bha trì sioftaichean a' dol an seo fad an t-siubhail," thuirt e.
Thòisich Eòghann MacIain air an 16mh den Lùnastal 1974 mar phreantas beagan sheachdainean an dèidh dha an sgoil fhàgail.
Bha e ag obair dhaibh on fhuair e teisteanas ann an 1978 agus chùm e a' dol ag obair dhan chompanaidh an dèidh dha a dhreuchd a leigeil seachad gu foirmeil ann an 2019.
B' e an obair-càraidh a bu mhotha a bha a' còrdadh ris: "Bhitheamaid a' toirt fear de na h-einnsean às a' chèile a h-uile samhradh nuair a bha an lòd ìosal airson an glanadh is an càradh.
"Bhiodh sin a' toirt timcheall air trì mìosan, ach bhiodh mu cheathrar ris an obair," mhìnich e.
Tha sgeulachdan gu leòr aca bho na bliadhnaichean a thug iad seachad còmhla mar cho-obraichean.
Ach, tha cuimhne aig Dàibhidh McClounnan air an eagal a bh' air gun tigeadh Hercules, am mathan ainmeil a chaidh a dhìth san sgìre aig toiseach nan 80an, às a dhèidh san dorchadas.
"Nan rachadh tu a-mach dha na tancaichean airson sùil a thoirt orra aig trì uairean sa mhadainn cha bhiodh tu dìreach a' coiseachd a-mach.
"'S e dh'fheumadh tu a dhèanamh ach coimhead timcheall a' chòrnair airson dèanamh cinnteach nach robh a' bhiast sin ann.
"Thachair sin airson seachd oidhcheanan, agus nuair a thàinig madainn Dihaoine aig ochd uairean agus an sioft ullamh - abair faochadh gun agad ri bhith a' coimhead a-mach airson mathain air an deireadh-sheachdain!"