Clàran Coimisean Napier air-loidhne 'son a' chiad turas

Luchd-obrach oighreachd Ghleann Chreurain, 1866Tùs an deilbh, NRS
Fo-thiotal an deilbh,

Luchd-obrach oighreachd Ghleann Chreurain, Earra-Ghàidheal, 1866

  • Air fhoillseachadh

Tha Clàraidhean Nàiseanta na h-Alba air na mìltean chlàran o Choimisean Napier fhoillseachadh air-loidhne airson a' chiad uair.

'S e rannsachadh poblach a bh' ann an Coimisean Napier a chaidh a chur air chois ann an 1883 gus sgrùdadh a dhèanamh air na gearanan a bh' aig croitearan is coitearan ann an sgìre na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Bha mòran a' togail fianais aig an àm an aghaidh nan uachdaran aca agus bha cuid a' diùltadh màl a phàigheadh.

Bha croitearan agus daoine a bha a' còmhnaidh anns na sgìrean dùthchail ag iarraidh còir air fearann, màl a bha cothromach is reusanta agus a bhith tèarainte nan àite fhèin.

Bha eileanaich is muinntir na Gàidhealtachd gu math bochd aig an àm.

Srath ChonainnTùs an deilbh, NRS
Fo-thiotal an deilbh,

Srath Chonainn

Bha an fhianais a chruinnich an Coimisean a' toirt dealbh gu math soilleir den dòigh-bheatha a bh' aig daoine anns na sgìrean dùthchail sin aig an àm.

'S ann ceangailte ris an fhearann agus an tìr a bha dòigh-beatha nan daoine-sa an ìre mhath gu lèir. Chruinnich an Coimisean fianais o chòrr air 60 oighreachd agus iad a' rannsachadh cò ris a bha bith-beò nan daoine coltach.

Am measg na fianais, a dh'fheumadh bàilidhean a lìonadh, tha ainmean nan croitearan agus nan coitearan, dè am fearann a bh' aca air màl, dè na bha iad a' pàigheadh ann am màl agus na beathaichean a bh' aca. Tha e cuideachd ag innse mar a bhiodh daoine a' fighe stocainnean, a' buain fhaochagan agus a' togail bhàtaichean a rèir an ama den bhliadhna.

Bha obair Choimisein Napier air leth cudromach ann an eachdraidh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Ann an 1886, chaidh Achd Gabhaltasan nan Croitearan (Crofters Holdings) a chur an sàs san lagh. Thug seo tèarainteachd nas fheàrr do chroitearan tro chòirichean fearainn nas fheàrr agus màil nas reusanta.

Chaidh Coimisean na Croitearachd a chur air bhonn cuideachd tron Achd.

Srath ChonainnTùs an deilbh, NRS
Fo-thiotal an deilbh,

Srath Chonainn

Iain Mac a' Phearsain
Fo-thiotal an deilbh,

Iain Mac a' Phearsain, Gleann Dail, Martair an Eilein Sgitheanaich

Bha Iain Mac a' Phearsain air aon de na croitearan a bha a' sabaid airson chòirichean fearainn air oighreachd Ghleann Dail anns an Eilean Sgitheanach.

Chaidh esan a chur dhan phrìosan airson a bhith an aghaidh a bhith a' toirt air falbh talamh ionaltraidh coitcheann.

Tha clàran oighreachd bhon Ghiblean 1883 a' sealtainn gun robh croit aige ann an Diùrinis agus gun robh luach £4 is 4 tastain sa chroit.

Tha NRS air rannsachadh a dhèanamh iad fhèin air sgeulachd Iain Mhic 'a Phearsain agus tha barrachd fiosrachaidh mu bheatha air an làraich-lìn aca.

Estate return le ainm Iain Mhic a' PhearsainTùs an deilbh, ScotlandsPeople
Fo-thiotal an deilbh,

Clàr oighreachd à Grìsinis san Eilean Sgitheanach le ainm Iain Mhic a' Phearsain, 27mh den Ghiblean 1883

Bhiodh na meadhanan naidheachd aig an àm a' cur dealbhadairean gu na diofar choinneamhan a bha an Coimisean a' cumail agus iad a' siubhal timcheall a' cruinneachadh na fianais.

Nochdadh na dealbhan sin ann an diofar irisean air feadh na Rìoghachd Aonaichte air fad.

Coimisean nan Croitearachd - Èisteachd ann an Taigh-cùirteach nam britheamhan, Glaschu, 19mh den Dàmhair 1883 bhon iris Quiz. Tùs an deilbh, Leabharlann Nàiseanta na h-Alba
Fo-thiotal an deilbh,

Coimisean nan Croitearachd - Èisteachd ann an Taigh-cùirteach nam britheamhan, Glaschu, 19mh den Dàmhair 1883 bhon iris Quiz

Tha Veronica Schreuder, tasglannaiche aig NRS, ag ràdh gun do "ghlac an Coimisean guth nan daoine cumanta agus rinn iad cinnteach gun d' fhuair iad èisteachd far an robh a' chumhachd stèidhichte.

"Chan eil samhail nan clàran seo ann de dhòigh-bheatha air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan.

"Tha an fhianais a' sealtainn mar a bha coimhearsnachdan a' tighinn beò. Tha dealbh againn de dhiofar ghinealaichean a' fuireach còmhla, an taic a bh' ann agus mar a bha boireannaich a' cosnadh. Bheir na clàran cuideachadh do dh'eachdraichean, luchd-acadaimigeach, agus rannsaichean sòisealta. Tha e sgoinneil am faicinn air-loidhne agus a bhith ann do dhaoine air feadh an t-saoghail airson an sgrùdadh."

Gheibhear sealladh air na clàran oighreachd an seo, taobh a-muigh.

Faodar coimhead orra an asgaidh tro chunntas Scotland's People an seo., taobh a-muigh

Faodar cuideachd daoine fa leth a lorg tro làrach Scotland's People, taobh a-muigh agus tha suim bheag ri phàigheadh airson ìomhaighean de na clàran oifigeil fhaicinn.

Coinneamh aig Loch Sear an Tairbeart den Choimisein Rìoghail air a' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan bhon iris The Graphic, An t-Òg-mhìos 1883. Tùs an deilbh, Illustrated London News/Mary Evans Picture Library
Fo-thiotal an deilbh,

Coinneamh aig Loch an Ear an Tairbeirt den Choimisean Rìoghail air a' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan bhon iris The Graphic, An t-Òg-mhìos 1883