Coltas gun caill Tiriodh bheat an eilein

EachTùs an deilbh, Jack Lockhart
  • Air fhoillseachadh

Tha croitearan Thiriodh draghail mun chunnart gun tèid an t-eilean fhàgail gun bheat.

Dh'fheuch Anne Stanley ris an ionad slàinte bheathaichean a reic, agus ged a nochd ùidh às dèidh bhideo a bhith air an eadar-lìon, tha e air faileachadh oirre sin a dhèanamh.

Fàgaidh Anne Tiriodh aig deireadh an Lùnastail, agus tha e a' coimhead coltach ris nach bi bheat anns an eilean às dèidh sin.

Droch rud, a rèir Alasdair MhicAonghais, croitear le crodh is caoraich:

"Tha e fiadhaich cudromach gum bi bheat ann an Tiriodh leis na th' ann de chrodh agus de chaoraich agus a-nis tha deannan mòr de dh'eich mun cuairt cuideachd - is cuir sin ri chèile ris a h-uile cù is cat is peata eile a tha mun cuairt an àite - tha feum aig an eilean seo air bheat."

Tha croitear eile, Iain MacAonghais, dhen aon bheachd:

"Tha e uabhasach cudromach, ma tha mart a' breith no rudeigin mar sin, tha thu a' faighinn a' bheat a-mach."

Bha e ag ràdh gun robh taic bho bheat buileach riatanach le beathaichean "pedigree".

CuileanTùs an deilbh, Jack Lockhart

A thaobh obair bheat ann an Tiriodh, bha Anne ag ràdh gu bheil eagal air cuid gum bi cus uallach ann leis gum faod iad fios fhaighinn uair sam bith - ach thuirt i nach robh sin na dhuilgheadas dhi fhèin.

Mura bi bheat anns an eilean san àm ri teachd tha co-dhùnaidhean doirbh gu bhith ro chroitearan.

Thuirt Alasdair MacAonghais: "Ma tha iad a' fulang agus nach urrainn laogh fhaotainn a-mach às a' bhò - feumar a cur sìos."

Cuideachd, bha e ag ràdh gum feum daoine coimhead ri seòrsaichean stuic eile a chumail ma bhios an t-eilean gun bheat - feadhainn nach eil cho dualtach a bhith a' fulang le trioblaidean breithe.

Tha Urras Thiriodh fhathast ag obair air fuasgladh air choireigin, ach tha iad ag ràdh nach eil e idir soilleir dè mar a rachadh sin a thoirt gu buil.