Am film a thug a' Ghàidhlig chun an taighe-dhealbh

Wendy Hiller, Murchadh Moireasdan, Roger Livesey agus Margot Fitzimons ann an I Know Where I'm GoingTùs an deilbh, I Know Where I'm Going
Fo-thiotal an deilbh,

Wendy Hiller, Murchadh Moireasdan, Roger Livesey agus Margot Fitzsimons ann an I Know Where I'm Going

  • Air fhoillseachadh

Air an 14mh dhen t-Samhain 1945, chruinnich sluagh beag ann an talla an Àrois air a' phrìomh shràid ann an Tobar Mhoire.

Bha iad ann gus ro-shealladh fhaighinn air an fhilm as ùire aig Mìcheal Powell agus Emeric Pressburger.

Bha na stiùirichean ainmeil a' toirt a' chiad chothrom do mhuinntir an àite air film sam biodh an t-eilean agus cuid dhe na co-eileanaich aca a' nochdadh.

Bhiodh trì seallaidhean de I Know Where I'm Going ann tron là - dà là mus biodh "première" Lunnainn air a chumail air an 16mh dhen mhìos.

Bha rudeigin eile a bha sònraichte mun chruinneachadh seo ge-tà, oir bha muinntir Mhuile a' dol a chluinntinn cànan nan Gàidheal air a chleachdadh 'son a' chiad uair air an sgrìon mhòr.

Talla an Àrois ann an Tobar Mhoire
Fo-thiotal an deilbh,

B' ann an Talla an Àrois ann an Tobair Mhoire a chaidh am film a shealltainn an toiseach bho chionn 80 bliadhna

Bha an Sasannach Mìcheal Powell agus an t-Ungaireach Breatannach Emeric Pressburger am measg nan ainmean a bu mhotha ann an saoghal nam filmichean aig an àm, aithnichte airson filmichean an leithid The Life and Death of Colonel Blimp (1943) agus A Canterbury Tale (1944).

Bha ùidh mhòr aig Mìcheal Powell ann an eachdraidh agus cultar na Gàidhealtachd agus e roimhe air film a dhèanamh stèidhichte air sgeulachd Hiort, The Edge of the World, ann an 1937.

Bha e an dòchas an toiseach am film sin a dhèanamh ann an Hiort, ach dhiùlt Marcas Bhòid, Iain Crichton-Stiùbhart, aig an robh an t-Eilean aig an àm, cead a thoirt dha. B' fheudar dhan fhilm mar sin a bhith air a dhèanamh ann an eilean Foula, an Sealtainn.

Ach le amas a-nis air film stèidhichte air turas gu na h-eileanan far chosta an iar na h-Alba a dhèanamh, chuir e fhèin agus Emeric Pressburger romhpa eilean a bhiodh freagarrach a lorg.

Sealladh bhon fhilmTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Roger Livesey san fhèileadh agus Mìcheal Powell na shuidhe nuair a bha cèilidh ga chlàradh ann an I Know Where I'm Going.

Chaidh I Know Where I'm Going a chlàradh eadar Muile agus stùideo ann an Sasainn eadar 1944 agus 1945, aig àm nuair a bha an Dàrna Cogadh fhathast a' leantainn.

Tha e ag innse sgeulachd Joan Webster, air a cluich le Wendy Hiller, ban-Shasannach a tha a' siubhail gu eilean Albannach ma 's fhìor air a bheil Kiloran,  gus fear-gnothachais beartach a phòsadh.

Ach, air a cumail ann am Muile ri linn stoirme, tha i a' tuiteam ann an gaol le Torcuil MacNèill, oifigear sa Chabhlach Rìoghail a tha air fòrladh air eilean àraich.

Ri linn 's gun robh e ann an dealbh-chluich ann an Lunnainn aig an àm cha tàinig Rogery Livesey, a bha a' cluich Torcuil, gu Muile idir.

Chaidh cleasaiche a bharrachd a bha coltach ris a chleachdadh le gearradh eadar dealbhan camara faisg a chaidh a chlàradh anns an stiùideo.

Air a mheas mar aon dhe na filmichean Breatannach as fheàrr a-riamh, tha an stiùiriche Martin Scorsese air a ràdh gun robh e an dùil nach robh masterpieces sam bith eile rin lorg mus fhaca e I Know Where I'm Going.

"What would it be but the Gaelic?"

Cèilidh Tùs an deilbh, Getty Images

Cho math ri bhith ag innse sgeulachd Joan agus Torcuil, bha Powell agus Pressburger airson sealladh a thoirt don luchd-coimhead air coimhearsnachd agus cultar an eilein.

Mar phàirt dhen sin, rinn iad co-dhùnadh a' Ghàidhlig a chleachdadh.

Anns an fhèin-eachdraidh aige, thuirt Mìcheal Powell gun robh iad airson dealbh cho fìor 's a b' urrainn dhaibh a thoirt seachad. Thug iad air comhairliche Gàidhlig, fear Calum MacCeallaig à Mòrar.

Cluinnear an cànan aig diofar àmannan tron fhilm, eadar còmhradh làitheil eadar muinntir an eilein agus na h-òrain Ho-rò Mo Nighean Bhòidheach agus 'S Truagh nach robh Mise ann an Eilean Mo Chridhe, a tha gan seinn aig cèilidh.

Tràth san fhilm, nuair a tha Torcuil agus feadhainn eile a' bruidhinn a' chànain ri càch a chèile aig a' chidhe, tha Joan a' faighneachd: "Is that Gaelic you are speaking?"

Tha fear a' bhàta a' freagairt "What would it be but the Gaelic?"

Chan eil fo-thiotalan gan cleachdadh idir agus e air fhàgail aig an luchd-coimhid brìgh a' chànain a thuigsinn bhon cho-theacsa, modh a bha Powell is Pressburger air a chleachdadh ann am filmichean eile cuideachd.

Ged a chualas a' Ghàidhlig ann am film goirid aithriseach mu Èirisgeigh leis an neach-dhealbh Ghearmailteach Werner Kissling ann an 1935, b' e I Know Where I'm Going a' chiad uair a nochd còmhradh sa chànan ann am film slàn (feature film).

Alastair Satchel na shuidhe anns am Western Isles Hotel
Fo-thiotal an deilbh,

Alasdair Satchel

"Chan eil iad a' sealltainn sìos air a' chànan no a' chultar, 's e an rud às àirde anns an fhilm", dh'innis an stiùiriche agus filmeadair ann am Muile, Alasdair Satchel dhomh.

"Tha iad ga bruidhinn, tha iad ga seinn - tha iad a' cur cultair an cèill, rud a tha cudromach don àite seo."

Bha aon duine le Gàidhlig bho thùs am measg nam prìomh chleasaichean, Murchadh Moireasdan à Borgh ann an Leòdhas.

Bha Murchadh a' cluich Kenny san fhilm, fear òg a tha Joan Webster a' pàigheadh gus oidhirp a dhèanamh a giùlan gu Kiloran tron stoirm.

B' e Murchadh bràthair Aonghais "Am Bileachan" Mhoireasdan, a stèidhich companaidh bhusaichean Galson Motors ann am Barabhas an 1948.

Dheadh e air adhart gu bhith ann am film mòr eile, mar aon dhe na prìomh chleasaichean anns an riochdachadh de leabhar Niall Gunn, The Silver Darlings, ann an an 1947.

Nas fhaide na bheatha, dh'atharraich e ainm gu Magnus Odin Borg agus choisinn e cliù mar bhàrd, a' faighinn Crùn a' Bhàird aig a Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Inbhir Àir an 1973.

Murchadh Moireasdan agus Margot FitzimonsTùs an deilbh, I Know Where I'm Going
Fo-thiotal an deilbh,

Tha e follaiseach sna criomagan far a bheil e a' bruidhinn Gàidhlig san fhilm gun robh Gàidhlig mar chiad chànan aig Murchadh

"Tha e follaiseach gun robh iad a' faighinn air adhart math"

Ach chaidh mòran de mhuinntir Mhuile fhèin an sàs cuideachd mar chleasaichean a bharrachd.

Bha seanmhair Ghòrdain MhicIlleathain, Polly Sharp, nam measg.

Bha tacsi aig Polly agus bhiodh i a' draibheadh Wendy Hiller chun na làraich far an robh filmeadh a' tachairt gach là.

B' ann mar sin a nochd cothrom dhise nochdadh air an sgrìon.

Gòrdan MacIlleathain
Fo-thiotal an deilbh,

Gòrdan MacIlleathain

"Aon là bha iad ann agus bha Wendy Hiller tinn," thuirt Gòrdan.

"Agus rinn iad co-dhùnadh leis gun robh mo sheanmhair timcheall air an aon mheud, gum faodadh i seasamh a-steach air a son."

Tha an sealladh anns a bheil Polly Sharp a' nochdadh aig fìor dheireadh an fhilm, nuair a tha Torcuil agus Joan a' coiseachd còmhla gàirdean ri gàirdean sìos an rathad.

"Chòrd e rithe gu mòr a bhith an sàs ann, le leithid de dhaoine bho shaoghal nam filmichean a' tighinn gu Muile.

"Bha seo aig deireadh a' chogaidh cuideachd, àm duilich airson a h-uile duine.

"Feumaidh gur e rud brèagha a bh' ann dhaibhsan a bha an sàs ann."

Tha coltas ann gun robh càirdeas math eadar an sgioba riochdachaidh agus muinntir an àite.

"Bhiodh mo sheanmhair daonnan a' toirt 'Mickey Powell' air Mìcheal Powell," thuirt Gòrdan,

"Boireannach modhail a bh' innte agus cha bhiodh i air sin a dhèanamh gun e fhèin a bhith air iarraidh. Tha e follaiseach gun robh iad a' faighinn air adhart gu math.

"Tha mi air dealbh fhaicinn dhiubh uile a' seasamh shìos ann an Càrsaig.

"Tha aodach Wendy Hiller air mo sheanmhair, agus ad gu math daor ocelot oirre, a chosg £90.

"Bhiodh mo sheanmhair tric ag innse mar a thuirt i ri Mickey Powell, 'faodaidh mi a ràdh gun robh £90 air mo cheann ged nach robh e a-riamh na mo làimh!'"

"Tha daoine fhathast a' tighinn an seo gus blas dhen fhilm fhaighinn"

Tha an Western Isles Hotel air aon dha na làraichean anns an fhilmTùs an deilbh, Western Isles Hotel
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an Western Isles Hotel air aon dhe na làraichean anns an fhilm

Thug am film buaidh mhòr air an eilean aig an àm, agus tha e fhathast a' toirt buaidh san là an-diugh.

'S e an Western Isles Hotel, a tha fhathast fosgailte os cionn Thobar Mhoire, tè dhe na làraichean a tha a' nochdadh.

Aig deireadh na mìos a chaidh bha buidheann de luchd-leantainn an fhilm ann airson deireadh-sheachdain sònraichte, rud a bhios iad a' dèanamh gach còig bliadhna.

Dh'innis am manaidsear, Bryan Botha, dhomh gu bheil iad fhathast tric is minig a' cur fàilte air daoine le ùidh ann.

Bryan Botha anns an Western Isles Hotel
Fo-thiotal an deilbh,

Bryan Botha

"Tha daoine a' tighinn an seo gus blas fhaighinn air an fhilm, uaireannan leis gur e luchd-leantainn a th' annta, no leis gu bheil iad air fhaicinn no gu bheil cuideigin san teaghlach air fhaicinn," thuirt e.

"Tha postairean againn timcheall an taigh-òsta agus bidh sinn ga shealltainn an dràsta is a-rithist cuideachd.

"Tha tòrr dhaoine ann fhathast a tha gu math measail air an fhilm."

Tha am film cho cudromach don eilean is gun do nochd iomairt làidir, le luchd-leantainn os a chionn, an aghaidh phlanaichean cur às do bhucas-fòn dearg ann an Càrsaig a tha a' nochdadh ann.

Bha na h-oidhirpean aca soirbheachail, agus tha an làrach a-nis air a glèidheadh mar àite dham bi feadhainn le ùidh san fhilm a' tighinn air taistealachd.

Am bucas-fòn ann an Càrsaig a tha a' nochdadh ann an I Know Where I'm Going
Fo-thiotal an deilbh,

Ann an I Know Where I'm Going tha na caractaran a' strì le fuaim an easa gus am fòn a chleachdadh.

Ach chan e a-mhàin dhaibhsan a bhios a' tadhail air an eilean a tha am film seo gu math cudromach.

"'S e pàirt eile den sgeul againne an seo," thuirt Alasdair Satchel.

"Tha e prìseil dhuinn."

Aig deireadh an fhilm tha Torcuil MacNèill a' dol a-steach gu Caisteal Loch Buidhe, e fhèin agus Joan a' gabhail ri mallachd gum bi duine uasal às an teaghlach a nì sin ceangailte ri boireannach gu sìorraidh.

Tha a h-uile coltas ann gum bi an dàimh eadar Muile agus I Know Where I'm Going a cheart cho maireannach.