Carraighean-cuimhne san amharc do rèidearan Ratharsair

Calum MacAoidh anns Na Feàrnaibh an Ratharsair aig taigh a sheanar, aon de na rèidearan.
- Air fhoillseachadh
Tha Ratharsairich a' cruinneachadh airgid gus dà charragh-chuimhne a thogail mar chuimhneachan air rèidearan fearainn a thàinig dhan eilean à Rònaigh o chionn còrr air 100 bliadhna air ais.
Thachair grunn math rèidean fearainn ann an iomadach sgìre eile air Ghàidhealtachd anns na bliadhnaichean an dèidh a' Chogaidh Mhòir agus bha Ratharsair air aon de na sgìrean sin.
Ann an 1921, dh' fhàg seachdar Rònaigh, eilean beag far cheann a tuath Ratharsair agus iad airson croitean fhaighinn dhaibh pèin an sin - oir chaidh na sinnsearan aca fhuadach às an eilean sin fhèin bliadhnaichean ro làimh.
Chaidh cuid de na rèidearan a chur ann an greim agus chaidh am feuchainn agus a chur dhan phrìosan airson sia seachdainean ann an Inbhir Nis, ach bha taic dhaibh am measg an t-sluaigh gu math làidir. Chaidh an saoradh agus fhuair iad cead fuireach air an eilean.
Stèidhich iad iad fhèin ann an ceann a deas Ratharsair agus thog iad taighean anns Na Feàrnaibh agus an Eighre.

An rèidear Dòmhnall Beag MacLeòid, seanair Wilma Duncan
'Se aon de na rèidearan a thàinig à Rònaigh, Dòmhnall Beag MacLeòid. Tha a' chroit aigesan ann an Eighre anns an teaghlach aige chun an là an-diugh.
Tha ogha Dhòmhnaill, Wilma Duncan, am measg buidhean de mhuinntir Ratharsair a tha a' tionnal airgid airson carraighean-cuimhne a thogail mar chuimhneachan air a seanair agus na rèidearan eile ann an Eighre agus anns na Feàrnaibh.
Thuirt Wilma gun robh iad mar bhuidheann airson 's gum bi eòlas aig daoine air mar a thachair.
"Se gasgaich a bh' annta ann an dòigh. Dh' fhosgail iad suas an t-eilean dhan h-uile duine, fhuair iad an t-eilean dhan h-uile duine eile agus às dèidh sin, lean daoine eile a-mach à Fladaigh, Eilean Taighe, An Caol Rònach, thàinig iadsan sìos às dèidh sin agus thog iad taighean agus thog iad teaghlaichean".

Wilma Duncan air beulaibh taigh a seanar ann an Eighre
Ann an 2026, bidh 105 bliadhna bho thachair na rèidean agus mar sin, tha muinntir Ratharsair ag amas air na carraighean-cuimhne fhaighinn suas ro chuirm a bhios ann anns a' Chèitean a' comharrachadh a' chinn-bhliadhna sin.
Bha seanair Chaluim MhicAoidh an sàs anns na rèidean air Na Feàrnaibh. Tha Calum cuideachd airson 's gun tèid na rèidearan a chumail air chuimhne.
Dh'innis e gun robh iad air suim mhath a chruinneachadh agus gu bheil iad fortanach gu bheil fear a' dol gan togail an asgaidh dhaibh agus gu bheil buidhnean eile a' toirt dhaibh an stuth-togail an asgaidh.

Na Feàrnaibh, Ratharsair
Tha Wilma ag iarraidh gum bi an rud a thachair air chuimhe do na ginealaichean ri thighinn a bharrachd air luchd-turais, daoine ùra a bhios a' tighinn dhan eilean is gu h-àraidh òigridh.
Tha i airson 's gum bi eòlas acasan air sgeulachd air nach eil mòran eòlach, ach aig a bheil buaidh uabhasach làidir air mar a tha gnothaichean an-diugh.
Thuirt i: "Cha bhithinn-sa ann an sheo agus cha bhiodh an teaghlach agam ann an sheo agus tha mi taingeil airson an rud a rinn iad agus bidh mi taingeil gu bràth. Dh' fhosgail iad cothroman dha na daoine a thàinig às an dèidh agus 's e rud prìseil a tha sin".

Calum, 13, mac Wilma, iar-ogha Dhòmhnaill Bhig
Tha Calum MacAoidh a' faireachdainn gun do chuidich na rinn na rèidearan adhbhar croitearachd anns an fharsaigneachd air sgàth dhaoine a bhith a' faighinn croitean air màl resuanta an dà chuid air an eilean agus ann an sgìrean eile - dìreach mar a chuidich strì eile ann an leithid Bhatarsaigh agus Am Bràighe agus gach àite eile anns an robh iad.
Tha iar-ogha Dhòmhnaill Bhig, mac Wilma, Calum, gu mòr airson 's nach tèid na thachair o chionn còrr air 100 bliadhna a dhìochuimhneachadh.
"Tha e cudromach air sgàth 's gur e mo shinn-sheanairean a bh' ann - tha mise an seo air sgàth an rud a rinn iad."