Sgeul nan Afro-Ghàidheal ga innse an leabhar ùr Gàidhlig do chloinn

Dealbh bho Anesu agus na Creutairean UisgeTùs an deilbh, Atlas Arts
Fo-thiotal an deilbh,

Còmhdach an leabhair aig Tawana Maramba ag innse sgeulachd tè òig à Zimbabwe is i a' dèanamh dachaigh ùir an Alba

  • Air fhoillseachadh

Thèid leabhar cloinne Gàidhlig ùr fhoillseachadh a tha ag innse sgeul nan Afro-Ghàidheal ann an Alba agus mu chloinn a dh'fheumas dèiligeadh ri àrainneachd ùir.

'S ann mu dheidhinn tè òig à Zimbabwe a thàinig a dh'fhuireach ann an Alba a tha an sgeulachd, 'Anesu agus na Creutairean Uisge'.

'S e a' chiad leabhar a sgrìobh Tawana Maramba, 23, à Dùn Èideann agus 's ann stèidhichte air na dh'fhiosraich i fhèin a tha pàirtean den sgeulachd.

Tha Tawana ag radh gu bheil "an caractar Anesu glè choltach riumsa agus bu toil leam sgeulachd mar seo fhaicinn nuair a bha mi san sgoil".

Tawana Maramba
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Tawana Maramba ag ràdh gu bheil an sgeulachd a' riochdachadh gu ìre an fhèin-fhiosrachaidh aice fhèin

Thuirt Tawana: "Tro bhith a' roinn sgeulachdan bidh Anesu a' dèanamh charaidean ùra san sgoil aice, a' lorg an àite aice sa choimhearsnachd agus ag ionnsachadh mu chultaran eile.

"Tha mi a' smaointinn gur e rud gu math cudromach a th' ann gu h-àraidh ann an Dùn Èideann far a bheil a' choimhearsnachd Ghàidhlig a' fàs ann an iomadachd."

Am beachd Tawana 's e rud "a dh'fheumas sinn a chomharrachadh agus a nochdadh nas motha sna meadhanan agus litreachas Gàidhlig".

Dealbh bho Anesu agus na Creutairean UisgeTùs an deilbh, Atlas Arts
Fo-thiotal an deilbh,

Earrann bhon leabhar ag innse mun chiad là aig Anesu ann an sgoil ùir

Thàinig am beachd-smuain airson an leabhair bho Cass Ezeji, à Glaschu, a tha na craoladair, neach-ciùil agus sgrìobhadair, agus a rinn am prògram do BhBC ALBA, Afro-Ghàidheil.

Bha i fhèin agus Tawana ag obair leis a' bhuidhinn Atlas Arts, a tha stèidhichte san Eilean Sgitheanach.

Ainslie Roddick
Fo-thiotal an deilbh,

Ainslie Roddick bhon bhuidhinn Atlas Arts a bhios a' foillseachadh an leabhair

Thuirt an stiùiriche, Ainslie Roddick: "Bha i (Cass) a-riamh airson leithid de phròiseact a dhèanamh ag aithneachadh gu bheil a' Ghàidhlig an-diugh air a bruidhinn le daoine bho iomadh dhiofar chultar.

"Tha min dòchas gun leugh daoine e, gun còrd e riutha agus gum bi iad ag iarraidh barrachd," thuirt i.

Gailearaidh dhealbhanLeum seachad air gailearaidh dhealbhanDuilleag 1 de 5, Dealbh bhon leabhar,

Airson sgeulachd Tawana a thoirt beò air na duilleagan, chaidh iarraidh air Ann NicLeòid, a tha a' fuireach ann an Leòdhas, na dealbhan a dhèanamh.

"Bha e gu math furasta na caractaran a dhèanamh oir bha iad gu math follaiseach.

"Ma tha sinn ag innse nan stòiridhean againn tha sinn a' lorg cumantas a th' againn uile ge b' i cò às a tha sinn neo mar a tha sinn a' coimhead.

"Tha e cudromach gu bheil fios aca gu bheil àite aca san t-saoghal, agus tha mi a' smaoineachadh gur e sin a tha an stòiridh ag ràdh."

Anna MacLeod
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an neach-ealain, Ann NicLeòid, den bheachd gur ann "mun chumantas a th' againn uile" a tha an leabhar

Tha Tawana ag ràdh gu bheil e "cho cool gu bheil leabhar ann le m' ainm air".

Leis a' chiad leabhar aice a-nis ann an clò tha an t-ùghdar òg a-nis a' beachdachadh air an ath phròiseact sgrìobhaidh.

"'S dòcha rudeigin airson daoine nas sine mu na rudan a tha mi a' fiosrachadh an-diugh," mhìnich i.

Thèid 'Anesu agus na Creutairean Uisge' fhoillseachadh aig toiseach na h-ath-mhìos.