Coille Ath Linne fhathast fosgailte don phoball an dèidh obair-chàraidh

Bha na slighean fiodha sa choille a' grodadh chun na h-ìre far nach robh iad sàbhailte tuilleadh
- Air fhoillseachadh
Gabhaidh ceuman-coise an coille an Leòdhas a tha leis a' choimhearsnachd a chumail fosgailte don phoball an dèidh do NHS nan Eilean Siar taic-airgid luach £10,000 a thoirt seachad airson an càradh.
'S urrainn do dhaoine a tha a' cleachdadh cathair-chuibhle agus daoine le pramaichean a dhol air na slighean fiodha sa choille, an tè as ruigsinniche taobh a-muigh Steòrnabhaigh.
Bha cunnart ann gum biodh aig Coille Coimhearsnachd Ath Linne an làrach a dhùnadh agus am fiodh anns na ceuman-coise togte a' grodadh.

Donnie Moireasdan am meadhan an deilbh le Diane Dhòmhnallach bho NHS nan Eilean Siar (san t-seacaid dhubh) agus saor-thoilich
Tha cathraiche na buidhne, Donnie Moireasdan, ag ràdh gu bheil iad "air leth taingeil" do NHS nan Eilean Siar airson an t-airgead a thoirt dhaibh.
"Sa bhliadhna mu dheireadh, bha dragh oirnn gum biodh againn ri na slighean a dhùnadh agus an structar a' sìor dhol a dhìth.
"Tha am maoineachadh air leigeil leinn fiodh ùr a chur ann agus na slighean a chumail fosgailte fad na bliadhna."

Thug Coimisean na Coilltearachd Coille Ath Linne don choimhearsnachd sa Mhàrt 2006.
'S i a' choille as motha an Alba a tha fo shealbh phoblach.
Tha muinntir an àite ag obair gu saor-thoilleach airson an goireas a chumail aig ìre.
Thuirt Diane Dhòmhnallach, Stiùiriche HR le NHS nan Eilean Siar: "Tha an t-àite seo na àrainneachd shàbhailte far am faod sean agus òg ge bith dè na comasan aca buannachd fhaighinn à bhith a' coiseachd - fear den rudan as fheàrr airson ar sunnd agus slàinte."
