Glanadh nas lugha aig sgoiltean nan Eilean Siar?

GlanadhTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Dh'fhaodadh nach tèid sgoiltean agus oifisean comhairle sna h-Eileanan Siar a ghlanadh cho tric 's a 's àbhaist.

Tha buidseat na seirbheis glanaidh ga ghearradh gu mòr, 's thathas a' coimhead ri nas lugha glanaidh a dhèanamh.

Tha seirbheis glanaidh na Comhairle an urra ri 16 sgoiltean, 14 sgoiltean-àraich, agus 29 de thogalaichean comhairle eile air feadh nan Eilean Siar.

Ach sheall aithisg ùr gun deach £110,000 a ghearradh bho bhuidseat na seirbheis thairis air an dà bhliadhna mu dheireadh.

Sa chòig bliadhna mu dheireadh, thuit an àireamh luchd-obrach aca bho 108 duine, gu 86.

Thèid conaltradh poblach a dhèanamh air plana gus nas lugha glanaidh a dhèanamh sna togalaichean airson sàbhalaidhean a dhèanamh am-bliadhna.

Thuirt an aithisg nach bithear a' sùileachadh ìre cho àrd de ghlanadh mu choinneimh nan goireasan a tha rim faighinn.

Thèid beachdachadh air an aithisg le comhairlichean an ath-sheachdain.