Brian Cox a' cur taic ri iomairt Taigh-Tasgaidh Ghleann Comhann

Taigh-Tasgaidh Tùs an deilbh, STEVE HOULDSWORTH
  • Air fhoillseachadh

Tha an cleasaiche Brian Cox a' cur taic ri iomairt taigh-tasgaidh air a' Ghàidhealtachd ùrachadh.

Tha Taigh-Tasgaidh Dualchais Ghleann Comhann - sa bheil 6,000 nì - mar thà air £2.8m fhaighinn bho luchd-taice agus luchd-maoineachaidh.

Thèid obair leasachaidh air adhart ach tha beàrn ionmhais fhathast aca, agus tha iad a' feuchainn ri £100,000 a bharrachd a thogail.

Fhuair iad cead-dealbhachaidh ach tha mar a tha cosgaisean-togail ag èirigh, an atmhorachd, agus dàil san obair air buaidh a thoirt air a' phròiseact.

Feumar an t-airgead a tha a dhìth fhaighinn taobh a-staigh sia mìosan gus am faighear air an obair leasachaidh riatanach a dhèanamh airson 's gun urrainn dhan togalach fhosgladh às ùr ann an 2026.

Chaidh an taigh-tasgaidh, am broinn dà thaigh-tughaidh, a stèidheachadh bho chionn còrr air 50 bliadhna le boireannaich às an sgìre a sheas air beulaibh bhulldòsairean airson stad a chur orra bho bhith a' leagail nan togalaichean.

Am measg na tha san taisbeanadh tha stuth bho àm nan Seumasach agus bhon dà chogadh mhòr.

Thèid cur ris an togalach le gailearaidh sam bi teicneòlas gus taisead agus teas a riaghladh, cho math ri bùth agus na ciad taighean-beaga a bhios aig a' ghoireas.

"Coimhearsnachd agus moit"

Thuirt Brian Cox, a fhuair cliù o chionn ghoirid airson a chuid obrach ann an Succession: "Tha Taigh-Tasgaidh Dualchais Ghleann Comhann mu dheidhinn barrachd na eachdraidh.

"Tha e mu dheidhinn fèin-aithne, coimhearsnachd agus moit."

Tha Catriona Davidson, neach-glèidhidh an taigh-tasgaidh, ag ràdh gu bheil an obair ùrachaidh air leth cudromach.

"Bidh na taisbeanaidhean ùra againn a' toirt beò sgeulachdan Ghleann Comann, agus bidh an àrrainneachd ùr a' toirt dìon nas fheàrr don chruinneachadh agus leigidh e leinn stuth fhaighinn air iasad bho thaighean-tasgaidhean agus buidhnean eile," thuirt i.

"Bidh gach tabhartas, beag neo mòr, a' cur ri seasmachd an taigh-tasgaidh againn."