Dreuchd àrd-oifigear CnES ga sanasachd

Prìomh-oifis Comhairle nan Eilean Siar
  • Air fhoillseachadh

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' sanasachd airson dreuchd an àrd-oifigeir.

Dh'innis Malcolm Burr, a tha san dreuchd an-dràsta, san t-Sultain gum bi esan a' fàgail sa Mhàrt an ath-bhliadhna.

Tha tuarasdal de £136,389 - le àrdachadh pàighidh air fàire , taobh a-muigh- an cois na h-obrach agus tha taic ga tabhann cuideachd dhan neach a shoirbhicheas gluasad dhan eilean.

Bidh an obair stèidhichte ann am baile Steòrnabhaigh.

Malcolm Burr taobh a-muigh oifis Comhairle nan Eilean Siar
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh Malcolm Burr a' leigeil an obair seachad as t-earrach

Tha Malcolm Burr air a bhith san obair fad 20 bliadhna.

Thòisich e san dreuchd san Ògmhios 2005.

Dhe na h-àrd-oifigearan a tha ann an dreuchd ann an Alba an-dràsta - 's e an neach as fhaide a tha air a bhith anns an obair.

Bha e ron sin ag obair mar Phrìomh Neach-Lagha na Comhairle bho 1994 gu 1997.

Dh'fhalbh e an uairsin a dh'Arcaibh far an robh e ag obair fad ochd bliadhna mar Àrd-Oifigear Riaghlaidh agus Leas-Àrd-Oifigear air Comhairle Arcaibh.

Nuair a dh'innis e gun robh e a' fàgail thuirt e: "Tha e air a bhith na urram mòr agus na phribhleid a bhith nam àrd-oifigear air a' Chomhairle agus a bhith ag obair dha na coimhearsnachdan diofraichte agus sònraichte sna h-Eileanan an Iar."

Thuirt Ceannard na Comhairle, Pòl Steele, gur e cothrom a tha seo obair fhaighinn a tha "dùbhlanach ach far am fairichear luach saothair" cuide ri "dòigh beatha fìor mhath".

Tha dùbhlain ann gun teagamh.

Dh'innis an t-ùghdarras ionadail gu bheil gearraidhean faisg air £1.4m ri dhèanamh.

Thàinig co-luadar air loidhne gu ceann an t-seachdainn seo chaidh far an robhar a' sireadh bheachdan mu ghearraidhean luach £75,000 ann an goireasan spòrs.

Am measg sin tha moladh ann amaran snàimh Shiaboist agus Lionail a dhùnadh.