An duine a bhàsaich an dèidh tubaiste rathaid air an A9 air ainmeachadh

Ruben Dòmhnallach Tùs an deilbh, POILEAS ALBA
Fo-thiotal an deilbh,

Bha Ruben Dòmhnallach a' siubhal ann an càr a bha an sàs ann an tubaist le bhana

  • Air fhoillseachadh

Dh'innis na poilis gur e Ruben Dòmhnallach, 18, à Alanais a bhàsaich ann an tubaist san Eilean Dubh oidhche Luain.

Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm gu làrach na tubaiste eadar bhana Ford Transit geal agus Ford Focus dubh deas air Drochaid Chromba mu 21:40.

'S e neach-siubhail san Ford Focus a bh' ann am Mgr Dòmhnallach. Thugadh chun an ospadail e far an do bhàsaich e.

Chaidh boireannach, 18, agus fireannach, 20, a bha sa chàr còmhla ris, a thoirt chun an ospadail. Tha na poilis ag ràdh gu bheil an duine ann an staid ìosal ach sheasmhach, agus gu bheil am boireannach a' faighinn cùraim agus i cuideachd air a droch leòn.

Chaidh dràibhear a' bhana, fear 50 bliadhna de dh'aois, a chur an grèim an co-cheangal ris a' chùis agus chaidh a shaoradh fhad 's a thathar a' dèanamh an tuilleadh rannsachaidh.

Tha an Sàirdseant Kate Finlayson, bho Phoileas Alba, a' sireadh fiosrachaidh mu na thachair.

Thuirt i: "Tha ar smuainetan le teaghlach Ruben agus a charaidean a dh'iarr gum faigh iad prìobhaideachd aig an àm fìor dhuilich seo.

"Tha an sgrùdadh againn a' leantainn feuch dè dha-rìribh a thachair agus dh'iarrainn air duine sam bith le fiosrachadh, taobh a-muigh, nach do bhruidhinn ris na poilis fhathast, a thighinn air adhart."