Àrd-oifigear ùr aig Comann na Camanachd

- Air fhoillseachadh
Dh'innis Comann na Camanachd gun deach Ruari Davidson fhastadh mar àrd-oifigear na buidhne.
Thèid Mgr Davidson an àite Derek Kier, a dh'innis sa Chèitean gun robh e a' fàgail a dhreuchd.
Thuirt Comann na Camanachd gu bheil Mgr Davidson air a bhith ag obair ann an leasachadh spòrs fad 21 bhliadhna is e na Mhanaidsear Compàirteachais aig sportscotland san 11 bhliadhna mu dheireadh.
Bha e ron sin ag obair aig Spòrs Ciorramach na h-Alba agus Glaschu 2014.
Thuirt an Comann gu bheil e a' creidsinn gu làidir ann an spòrs airson a h-uile duine is mu na buannachdan a tha na lùib.
Tha dithis chloinne aig Mgr Davidson is aonan dhiubh na bhall de Chluba Iomain Obar Dobhair is e a' cluich iomain aig ìre bun-sgoile.
"Dualchas"
"Tha iomain glè chudromach ann an dualchas is eachdraidh na h-Alba is tha mi air mi dhòigh an cothrom seo fhaighinn a bhith os cionn a' Chomainn aig an àm seo", thuirt Ruari Davidson.
"Tha tòrr rudan matha a' tachairt san spòrs an-dràsta is tha fadachd orm ar buill, clubaichean is coimhearsnachdan a choinneachadh is taic a chumail riutha".
Thug ceann-suidhe Chomann na Camanachd, Burton Moireasdan, taing do Derek Keir airson a chuid obrach mar àrd-oifigear is thuirt e gu bheil e glè thoilichte fàilte a chur air Ruari Davidson.
Thuirt e gu bheil Mgr Davidson a' toirt eòlais chun na dreuchd agus sealladh a chuireas ri obair Chomann na Camanachd agus coimhearsnachd na h-iomain san fharsaingeachd.
Tòisichidh Ruari Davidson san dreuchd san Dàmhair.