Àrdachadh pàighidh do dh'Àrd-oifigear CnES agus trì comhairlean eile

Tha Malcolm Burr a' leigeil seachad dreuchd Àrd-oifigear Comhairle nan Eilean Siar ach gheibh an neach a thig na àite ardachadh pàighidh de £30,000
- Air fhoillseachadh
Tha dùil gum faigh àrd-oifigearan nan ceithir comhairlean as lugha ann an Alba àrdachadh pàighidh cho mòr ri 24% an dèidh ath-sgrùdaidh air tuarastail cheannardan nan ùghdarrasan ionadail.
Bidh na h-àrd-oifigearan sna h-Eileanan an Iar, Arcaibh, Sealtainn agus Siorrachd Chlach Mhanann a' cosnadh còrr air £30,000 a bharrachd mar thoradh air an ath-sgrùdadh.
Fon aonta a rinn buidheann-riochdachaidh nan comhairlean, Cosla, agus a' bhuidheann a tha a' riochdachadh cheannardan, Alace, bidh àrd-oifigearan a' faighinn eadar £165,755 agus £230,620 a rèir cho mòr 's a tha an sgìre comhairle.
Bidh an neach a thèid an àite Malcolm Burr, a tha a' fàgail a dhreuchd mar Àrd-oifigear Comhairle nan Eilean Siar an dèidh 20 bliadhna san obair, a' faighinn tuarastail luach co-dhiù £136,389.
Thèid sin an-àirde gu £165,755 an ath-bhliadhna fon aonta ùr, àrdachadh de £29,366.

Gheibh Oliver Reid, bho Chomhairle Arcaibh, £165,755 airson a' chomhairle as lugha an Alba a ruith
Tha an t-àrdachadh 12% do dh'àrd-oifigearan a' tighinn agus luchd-obrach comhairle a' faighinn àrdachaidh 4% agus àrdachadh sa chumantas de 9.5% air a' chìs-chomhairle.
Bidh Oliver Reid, Àrd-oifigear Arcaibh - le sluagh de 22,000 a-mhàin - a' faighinn £32,000 a bharrachd.
Bidh àrdachaidh pàighidh £32,000 aig Maggie Sandison ann an Sealtainn
Gheibh àrd-oifigear Comhairle Chlach Mhanann, Nikki Bridgle, £32,000 a bharrachd sa bhliadhna.
Chan fhaigh ceannardan nan comhairle as motha - Glaschu, Dùn Èideann, Fìobha, Siorrachd Lannraig a Tuath agus a Deas - àrdachadh pàighidh cho mòr.

Bidh Àrd-oifigear Comhairle Shealtainn, Maggie Sandison, a' faighinn àrdachaidh £32,000 san tuarastal aice
Thuirt neach-labhairt Cosla, Katie Hagmann, nach deach ath-sgrùdadh a dhèanamh air tuarastail nan àrd-oifigearan airson 25 bliadhna agus nach robh na tha iad a' cosnadh a' tighinn tuilleadh a rèir uallach an cuid obrach.
Tha i ag ràdh gu bheil "tuarastail fharpaiseach riatanach" airson agus gun tèid aig comhairlean air àrd-oifigearan fhastadh agus a chumail leis a' cheannas a tha a dhìth airson "prìomh sheirbheisean poblach a thoirt seachad gu h-àraid aig an àm dhùbhlanach seo".
"Goirt don luchd-obrach chumanta"
Tha Àrd-rùnaire an STUC, Roz Foyer, air co-dhùnadh Cosla a chàineadh agus thuirt i nach bi luchd-obrach comhairle neo am poball a tha iad a' frithealadh toilichte leis.
Thuirt i: "Tha luchd-obrach agus am poball air feadh na dùthcha a' faireachdainn buaidh nan gearraidhean ann an seirbheisean, tuarastail ìosal agus cosgaisean bith-beò ag èirigh.
"Tha seo goirt don luchd-obrach chumanta a tha a' faicinn aon uair eile gu bheil aon riaghailt ann do na ceannardan agus tè eile don a h-uile duine eile nuair a thig e gu pàigheadh."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh23 An t-Sultain

- Air fhoillseachadh25 An Gearran
