Beatha ùr do sheann Eaglais Chaluim Chille?

- Air fhoillseachadh
Tha cead air iarraidh airson seann eaglais Ghàidhealach ann am meadhan Ghlaschu a dhèanamh na talla-chiùil, 's gealltanas gum bi àite aig a' Ghàidhlig fhathast innte.
Coltach ri còrr air 250 eaglais air feadh Alba, chaidh Eaglais Chaluim Chille air Sràid an Naomh Vincent a reic le Eaglais na h-Alba.
'S e fear-gnothaich, Bradley Mitchell, a cheannaich i, 's e ag iarraidh beatha ùr a thoirt dhi.
'S ann 'son ceòl traidiseanta a bhiodh an talla-ciùil, agus tha dualchas an togalaich aig cridhe a chuid phlanaichean.

Tha Bradley Mitchell a cheannaich an eaglais airson a dualchas a ghlèidheadh, 's gum bi i ga cleachdadh 'son leithid na fèise Celtic Connections
"Tha mi air a bhith a' coimhead Celtic Connections thar nam bliadhnaichean - 's e seo an Ceangal Ceilteach," thuirt e.
"Ma thèid againn air seo a cheangal suas agus gum bi Celtic Connections a' dèanamh stuth a-staigh an seo, a thuilleadh air tòrr chòmhlan trad eile a tha a' tòiseachadh a-mach, no feadhainn le cliù mar thà, bhiodh sin math dhan choimhearsnachd.
"Agus math dha na dannsan a bhios aca, 's cuideachd cothrom air an togalach fhèin a ghlèidheadh.
"Bidh gu leòr dhaoine le tòrr chuimhneachan air an àite."

Chaidh Eaglais Chaluim Chille a thogail ann an 1904, air an treas làraich a bh' aig a' choithional a chaidh a stèidheachadh an toiseach ann an 1770.
Ann an 2022, a dh'aindeoin i a bhith dùinte le dragh mun staid san robh i, choisinn an togalach inbhe Ìre A bho Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba, gu sònraichte air sgàth a seasaimh mar an eaglais do choimhearsnachd Ghàidhlig Ghlaschu.
Tha obair-leasachaidh nach beag a dhìth air an togalach fhathast ge-tà.

Chaidh inbhe Ìre À a bhuileachadh air an togalach air sgàth a h-àite ann an eachdraidh Ghàidhealaich Ghlaschu
'S e na tha fa-near do Mhgr Mitchell ach talla a dhèanamh de phrìomh phàirt na h-eaglaise, le bàr agus àite-bìdh cuideachd na broinn, 's àrd-ùrlar aig aon cheann den talla mhòr.
"Ma gheibh sin an glag ud a' glagadaich a-rithist, 's cothrom a thoirt do dhaoine an t-organ mìorbhaileach seo a chluinntinn a-rithist, ged a b' e consairtean, no ge b' e dè nì sinn a-staigh an seo, feumar cleachdadh ùr fhaighinn dhan togalach," thuirt e.
"Dh'fhaodadh sinn fhathast gnothaichean eaglaise a bhith na lùib.
"Feumar fàilte a chur ron a h-uile càil ma tha e gu bhith air a cleachdadh às ùr."

Tha dualchas na Gàidhlig na phàirt mhòr de dh'eachdraidh an togalaich
Chuireadh gu leòr sa bhaile fàilte air talla-chiùil den leithid, ach tha ath-leasachadh eaglaisean na chuspair chonnspaideach, 's àite cudromach aig na togalaichean seo ann an cridheachan gu leòr.
"Bha i dìreach àlainn fhèin airson seinn," thuirt Mairead NicLeòid-NicNeacail a bha fad bhliadhnaichean a' frithealadh na h-eaglaise.
"Bha mac-talla ann, agus bha fuaimneachan ann a bha dìreach àlainn.
"Dhomhsa 's e tàmailt agus briseadh-dùil a th' ann.
"'S e briseadh-dùil a bh' ann nuair a chuala sinn gun robh i a' dùnadh co-dhiù, ach a' faighinn na naidheachd gu bheil iad gu bhith ga h-atharrachadh agus 's dòcha gum bi i a-niste na taigh-seinnse no rudeigin mar sin, 's e briseadh-dùil dha-rìribh a th' ann dhomhsa, agus tòrr de na daoine a bha a' dol a-steach dhan eaglais."

Dheadh àrd-ùrlar a chur ann, a thuilleadh air bàr agus àite-bìdh
Gu dearbha, tha àileachd an togalaich fhèin air aire gu leòr, 's miann aca gun deadh sin a ghlèidheadh.
Ach tha an togalach ann an droch staid, agus tha Bòrd Urrasairean Eaglais na h-Alba ag ràdh nach bu chòir am faicinn mar chomann dualchais.
"Tha an sealladh caran truagh airson dualchais ailtireachd chreidmhich na h-Alba," thuirt DJ Johnston-Smith, a tha na cheannard air Urras nan Eaglaisean - buidheann a bhios a' rannsachadh eaglaisean a tha gan dùnadh 's gan reic.
"'S e an sealladh as miosa dhuinne, gun tèid dualchas ailtireachd agus cultatail a chall.
"Ach a' coimhead ris na planaichean, tha càradh gu math faiceallach air fàire, agus cleachdadh leantainneach gach cuid mar ghoireas choimhearsnachd agus cuideachd le eileamaid choimeirsealta.
"Tuigear gu bheil sin a dhìth gus am bi i seasmhach, ach cuideachd gum faod i fhathast a bhith na fòcas airson adhradh is cultar na Gàidhlig.
"'S e sin an suidheachadh as fheàrr a ghabhas."