Boireannach air a sàthadh ann an Cataibh

Rathad a' Chàirn Mhòir ann an Drochaid a' BhannaTùs an deilbh, Google
  • Air fhoillseachadh

Chaidh boireannach, 50, a thogail dhan ospadal an dèidh dhi a bhith air a sàthadh ann an Cataibh.

Thuirt Poileas Alba gun deach fear aois 24 a chur an grèim an co-cheangal ris a' chùis, a thachair ann an Drochaid a' Bhanna oidhche Ardaoin.

Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginn an dèidh aithris mu bhuaireadh air Rathad a' Chàirn Mhòir sa bhaile mu 9:15f.

Thuirt Seirbheis Ambaileans na h-Alba gun do chuir iad dà ambaileans ann, a thuilleadh air ambaileans adhair agus sgeama trauma speisealta.

Chaidh am boireannach a sgèith gu Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis.