Lorg air draibhear bha ga shireadh an dèidh do chàr a dhol a-steach a dh'Abhainn Narann

Màrtainn HannahTùs an deilbh, POILEAS ALBA
Fo-thiotal an deilbh,

Tha dùil gur e fear Màrtainn Hannah a bha a' dràibheadh a' chàir

  • Air fhoillseachadh

Tha Poilis a bha a' sireadh dràibheir chàir a chaidh a-steach do dh'Abhainn Narann madainn Dihaoine ag ràdh gun deach lorg fhaighinn air.

Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm chun na làraich, mu dhà mhìle deas air Inbhir Narainn faisg air Drochaid Howford, goirid as dèidh 09:00m.

Tha dùil gur e fear Màrtainn Hannah, 59, a bha a' dràibheadh a chàir.

Chaidh aon duine, a bha a' siubhal anns a' chàr, a thoirt gu Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis.

Chan eil fhios fhathast dè an staid anns a bheil iad.

An càr anns an abhainn air a cheangal ri craoibh le ròpa fada gorm

Thuirt na Poilis na bu tràithe gun robh an draibhear air an làrach fhàgail mus do ràinig iad.

Tha sgiobaidhean nam Maor-cladaich, an dà chuid air tìr agus ann an heileacoptair, air a bhith a' dèanamh sgrùdaidh ann an Abhainn Narann.