Sgoil Dhùrair: "Tha an cridhe ga reubadh às ar coimhearsnachd"

Deborah McCartney
Fo-thiotal an deilbh,

Tha pàrantan mar Deborah McCartney gu làidir den bheachd gum bu chòir Sgoil Dhùrair fuireach fosgailte.

  • Air fhoillseachadh

Tha pàrantan ann an Dùrar air a dhol air an casan feuch bun-sgoil a' bhaile a chumail fosgailte.

Chuir Comhairle na Gàidhealtachd air adhart molaidhean gus an sgoil a dhùnadh is na sgoilearan a chur gu Bun-sgoil Bhaile a' Chaolais.

Tha an t-ùghdarras a' sùileachadh nach bi ach dithis sgoilearean ann an Sgoil Dhùrair bhon Lùnastal.

Ach aig coinneimh mun chùis oidhche Mhàirt, 's ann a bha a h-uile duine a bha an làthair airson 's gun rachadh an sgoil a chumail fosgailte.

Nam measg bha Deborah McCartney, aig a bheil pàiste san sgoil.

"Tha an cridhe ga reubadh às ar coimhearsnachd. Chan eil bùth againn an seo tuilleadh agus 's e an sgoil fear de na goireasan mu dheireadh a th' againn.

"Tha ìre an fhoghlaim an seo nas fheàrr na sgoil phrìobhaideach leis cho beag 's a tha na h-àireamhan. Gheibh a' chlann rudan nach fhaigheadh iad ann an sgoil nas motha idir is chan eil iad a' call a-mach air dad oir tha iad a' measgachadh le trì sgoiltean eile".

Coinneamh Dhùrair
Fo-thiotal an deilbh,

Chruinnich muinntir na sgìre aig coinneimh mun sgoil oidhche Mhàirt

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gum faigheadh a' chlann cothrom nas fheàrr air sgilean sòisealta ionnsachadh ann an sgoil nas motha.

Chaidh ceist a thogail aig a' choinneimh oidhche Mhàirt a bheil fianais ann airson a' phuing sin a dhearbhadh.

Chuala a' choinneamh cuideachd gu bheil pàrantan san sgìre a' beachdachadh air buidheann ùr pàrant is pàiste a stèidheachadh is gu bheil dòchas an sin gun tig fàs air àireamhan na sgoile.

Thuirt fear de chomhairlichean na sgìre, Iain Grafton, gur e puing chudromach a tha sin is gur dòcha gun toir e buaidh air beachd na Comhairle.

A thuilleadh air sin, nochdadh dragh gum biodh droch bhuaidh air oidhirpean daoine òga a chumail is a thàladh san àite mura bi sgoil ann.

"'S ann à bàile mòr a tha sinn is bha sinn 'son a bhith a' fuireach ann an coimhearsnachd dhùthchail," dh'innis Megan Dale.

"Bha e glè chudromach dhuinn gun robh sgoil san sgìre," thuirt i.

Dùinidh co-chomhairle, taobh a-muigh mu Sgoil Dhùrair air an 3mh den Chèitean.

Sgoil Dhùrair