Fèis Cheilteach Innse Gall 2025 a' tòiseachadh

Luchd-obrach HCF a' dèanamh deiseil airson toiseach na Fèise
- Air fhoillseachadh
Tha Fèis Cheilteach Innse Gall air tòiseachadh an-diugh. Le barrachd air 35 còmhlain-ciùil air a' chlàr-ama, 's e deireadh-seachdain trang a tha san amharc ann an Leòdhas.
Bidh Tide Lines, Lulu agus Skerryvore air a' phrìomh àrd-ùrlar aig làrach na fèise anns a' Ghearradh Chruaidh ann an Steòrnabhagh agus dùil ris na mìltean de dhaoine a bhith san èisteachd.
'S e seo an 28mh bliadhna den fhèis agus i air fàs gu mòr thar nam bliadhnaichean. Chan eil Fèis Cheilteach Innse Gall air a bhith cho soirbheachail seo gun obair mhòr bho Bhòrd-stiùiridh na Fèise agus taic bho bhuidhnean, dhaoine agus ghnothachasan.
Tha an Fhèis a' comharrachadh cùltar, ceòl agus dualchas nan Eileanan an Iar agus tòrr dhaoine a' siubhal fad is farsaing airson a bhith an làthair gach bliadhna.

Bidh trì àrd-ùrlaran aig làrach na fèise am-bliadhna; am prìomh àrd-ùrlar, an Islands Stage agus an Cèilidh Tent. Bidh measgachadh de cheòl air a chluich thar nan trì aig diofar amannan gach là agus chìthear clàr-ama na fèise an seo., taobh a-muigh
Fèis Cheilteach Innse Gall 2025 a' tòiseachadh
A' bruidhinn mun fhèis, thuirt Iar-chathraiche na Fèise, Eilidh Linc:
"Tha sinn uile air bhioran. Tha e gu bhith am measg nam fèisean as motha a th' air a bhith againn riamh. Cha mhòr nach eil ceò a' tighinn àsainn a' feuchainn ri cumail suas ris an iarrtas airson tiocaidean, a' cur nan teantaichean mòra suas, agus le luchd-tadhail a' tighinn dhan eilean air aiseag HebCelt na bliadhna.
Tha an t-eilean air bhoil an-dràsta. Tha daoine a' coimhead air adhart gu sònraichte ri Lulu fhaicinn, leis gur e seo 's dòcha an trup mu dheireadh a bhios i a' seinn sna h-Eileanan an Iar. 'S i an t-ainm as motha tha air bàrr theangannan dhaoine.
"Tha ùidh mhòr ann an Skerryvore, le daoine a' studaigeadh cò na h-aoighean sònraichte a tha gu bhith aca airson 20 bliadhna dhen chòmhlan a chomharrachadh.
"Agus tha prìomh chòmhlan na ciad oidhche, Tide Lines, an-còmhnaidh a' còrdadh ri daoine gu mòr.
"Tha inntinn dhaoine air a glacadh cuideachd leis na tha de chòmhlain às an seo fhèin a' cluich cuideachd, le sàr-chuirmean aig An Lanntair, Brèascleit, Ionad Seallam!, agus le OH!CON a-nis na phàirt dhen fhèis cuideachd.
"Leis na h-atharrachaidhean a rinn sinn air làrach na fèise – bàraichean ùra, dòighean nas luaithe is nas fhasa gus rudan a cheannach, tiocaidean VIP, agus ar dleastanas gus a bhith seasmhach, a' cur daoine aig cridhe na fèise, tha e uile gu bhith sònraichte math."

Bidh tòrr diofar thachartasan air an cumail air iomall na fèise le cuirmean-ciùil agus bùithdean-obrach aig An Lanntair, consairtean teaghlaich ann an talla bhaile Steòrnabhaigh, tachartasan is cleasaichean sna Narrows agus fiù 's geama iomain a bhios iad a' cluiche gach bliadhna. Thèid an geama a chluiche eadar sgiobaidhean Leòdhais agus Uibhist agus iad a' dèanamh an dìcheill gus Cupa HebCelt a bhuannachadh.
Thèid tachartasan a chumail air an dùthaich cuideachd le consairtean sònraichte oidhche Haoine ann am Breascleit agus oidhche Shathairne san Taobh Tuath sna Hearadh.

Cuid de na tachartasan a tha a' dol aig An Lanntair air iomall na fèise agus iad a' comharrachadh 40 bliadhna am-bliadhna.

Cluinnear measgachadh de cheòl aig an fhèis agus Eddi Reader is Tide Lines am measg na tha ri fhaicinn oidhche Haoine. Lusa, Beluga Lagoon, Trail West agus Lulu am measg na bhios a' cluiche Dihaoine agus là loma-làn de dhaoine Disathairne, leithid Elias Alexander, Astro Bloc, Kassidy. 'S iad Skerryvore a bhios a' toirt chùisean gu crìch oidhche Shathairne.
Tha tòrr luchd-ciùil agus chòmhlan ionadail a' gabhail pàirt a tha às na h-Eileanan an Iar, nam measg -
Iona Mairead; seinneadair à Leòdhas
The Tumbling Souls; còmhlan-ciùil à Leòdhas
Isla Scott; seinneadair às na Hearadh
Ruairidh Gray; seinneadair à Uibhist
Josie Duncan; seinneadair à Leòdhas
Ciorstaidh Beaton; neach-ciùil às an Eilean Sgitheanach
Chan eil soirbheachas na fèise air a bhith gun trioblaidean ge-tà, agus gu leòr dhùbhlan air a bhith aca thar nam bliadhnaichean - gu sònraichte às dèidh tìde a' Ghlasaidh. Ach, tha e furasta fhaicinn gu bheil an fhèis a' còrdadh ri dhaoine thall 's a-bhos agus buaidh mhòr aige air eaconamaidh nan eilean.
Le muinntir na fèise ag innse gu bheil tiocaidean air a dhol gu daoine à Coirea a Deas, Sìona, Aimeireaga, Canada, Astràilia, Sealann Nuadh, Nirribhidh, a' Ghearmailt, An t-Suain, An Eilbheis, An Danmhairg, an Fhionnlainn, is grunn àiteachan eile, tha e follaiseach nach ann dìreach do mhuinntir na h-Eilean Siar a tha Fèis Cheilteach Innse Gall.