Inbhe ga sireadh do thartan bhon Ghàidhealtachd

- Air fhoillseachadh
Thèid tagradh feuch aithneachadh foirmeil fhaighinn do thartan a th' air a dhèanamh air a' Ghàidhealtachd mu choinneamh mhinistearan bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte.
Chuir am Ball-Pàrlamaid Albannach Ceit Fhoirbeis athchuinge oifigeil air adhart aig Westminster ag iarraidh "Achd Tartain".
Bheireadh sin inbhe do thartan bhon Ghàidhealtachd coltach ris na th' aig a' Chlò Mhòr.
Nochd am beachd bho thùs bhon chompanaidh bhreabadaireachd Prickly Thistle.
Tha iad ag ràdh gun toireadh reachdas cothrom do mhuilnean beaga eile fosgladh air a' Ghàidhealtachd.
Tha Ceit Fhoirbeis ag ràdh gu bheil deagh chothrom ann togail a thoirt do dh'eaconomaidh na sgìre agus gu bheil e annasach nach robh aithneachadh mar seo ann mar-thà.
Thuirt i: "'S e in-mhalairt a th' ann am mòran de ghnìomhachas an tartain, agus tha seo mu dheidhinn aithneachadh a thoirt do thartan a th' air a dhèanamh air a' Ghàidhealtachd.
"Chruthaicheadh e obraichean agus aithneachadh foirmeil a bheireadh cothrom do dhaoine roghnachadh tartan bhon Ghàidhealtachd a-mhàin a cheannach."
Thuirt i cuideachd gum faodadh bòrd a bhith air a chruthachadh airson gach nì a rianachd.