Riaghladh uachdaran coimhearsnachd Uibhist "dìreach uabhasach"

- Air fhoillseachadh
Thathar a' fàgail air Stòras Uibhist gu bheil riaghladh na buidhne "dìreach uabhasach" is gu bheil buaireadh aig ìre bùird air cron nach gabh tomhas a dhèanamh air cliù an uachdarain choimhearsnachd.
Tha na casaidean a' nochdadh ann an aithisg a chunnaic BBC Naidheachdan a tha ag ràdh gu bheil fianais ann air burraidheachd ris nach deach dèiligeadh mar a bha còir, gu bheil an suidheachadh air buaidh mhòr a thoirt air comas na buidhne obrachadh gu h-èifeachdach, is gu bheilear a' tomhas gu bheil seo air timcheall air £200,000 a chosg dha sporan na coimhearsnachd.
Tha e ag innse gu bheil dàil cuideachd air taic-airgid £350,000 fo Aonta nan Eilean ri linn ghearanan mu dhol a-mach aig ìre a' bhùird.
Tha an aithisg aig a' bhuidhinn Mentor aig Banca Rìoghail na h-Alba a' dèanamh dheth gu bheil mì-thuigse taobh a-staigh an uachdarain choimhearsnachd air dleasdanas nan stiùirichean is cuid a' dol an sàs ann an obair làitheil na buidhne.
Tha e ag ràdh nach urrainn cùisean leantainn mar a tha iad.
Thuirt neach-labhairt airson an uachdarain choimhearsnachd gu bheil iad a' gabhail ris gu bheil gnothaichean riaghlaidh bho chionn ghoirid air droch bhuaidh a thoirt air a' bhuidhinn.
Thuirt iad gu bheil iad a' dèiligeadh ris na gnothaichean a thog Mentor mar phrìomhachas.
Chaidh iarraidh air Mentor as t-samhradh sgrùdadh a dhèanamh air a' chompanaidh South Uist Renewable Energy (SURE).
Tha SURE am measg chompanaidhean a tha fo bhratach Sealladh na Beinne Mòire - companaidh pàrant uachdaran coimhearsnachd Uibhist a Deas.
Tha aithisg Mentor ag innse gu bheil na companaidhean uile air an dlùth cheangal ri chèile le luchd-obrach ag obair tarsainn orra is le stiùirichean air barrachd na aon bhòrd.
Tha e ag ràdh mar sin, nach urrainn coimhead air SURE fa leth bho na buidhnean eile.

Structar Sealladh na Beinne Mòire. Bidh daoine tric a' gabhail Stòras Uibhist air an uachdaran choimhearsnachd gu lèir
Mì-thuigse
San Lùnastal chaidh iarraidh air Mentor le ceathrar stiùirichean aig SURE sgrùdadh a dhèanamh air a' bhuidhinn.
Thàinig seo air sgàth 's mar a bha triùir a bha nan stiùirichean air SURE air na dreuchdan aca fhàgail nas tràithe san Lùnastal is companaidh àrachais ag ràdh nach b' urrainn dhaibh àrachas a thoirt dhan bhuidhinn fhad 's a bha iad ann an dreuchd.
Tha dà rannsachadh a' dol aig Roinn-ghnìomha Slàinte is Sàbhailteachd ceangailte ris an seo - aonan a thaobh burraidheachd is sàrachadh - is am fear eile a thaobh SURE a bhith ag obair as aonais àrachais mar a bha còir.
Às dèidh dhan triùir am bòrd fhàgail, fhuair SURE aonta ùr àrachais ach le àrdachadh 900% ann an cosgaisean.
Ged a dh' fhàg an triùir bòrd SURE, tha iad fhathast air bòrd Sealladh na Beinne Mòire.
A thuilleadh air sgrùdadh air suidheachadh an àrachais, rinn Mentor cuideachd rannsachadh air riaghladh is structar SURE is na buidhnean a tha ceangailte riutha fo bhrataich Sealladh na Beinne Mòire.
Thuirt iad gur e an aon luchd-obrach a tha ag obair eadar na buidhnean, le stiùirichean taice (non-executive directors) - buill shaor-thoileach is a' mhòr-chuid air an taghadh leis a' choimhearsnachd - air bòrd gach buidhinn, is tric air barrachd na aona bhòrd.
Chan eil ach stiùirichean taice air na diofar bhòrd aig an uachdaran choimhearsnachd.
Tha an aithisg ag ràdh gur e an obair a th' aig stiùiriche taice a bhith a' sgrùdadh mar a tha a' dol do ghnothachas is stiùir a thoirt dhan bhòrd-riaghlaidh, seach a bhith an sàs ann an obair làitheil is gnothaichean an luchd-obrach, is gur e dleasdanas an àrd-oifigeir a tha sin.
Tha Mentor den bheachd gu bheil "mì-thuigse" air bòrd Sealladh na Beinne Mòire air obair stiùiriche taice.
Tha an aithisg a' co-dhùnadh gu bheil cuid de na stiùirichean taice a' creidsinn gur e an obair aca a bhith '"s dòcha mar sheòrsa de riochdairean coimhearsnachd le mandat a dhol an sàs ann an obair làitheil na buidhne is suidheachadh an luchd-obrach".

Eachdraidh de dhroch riaghladh
Tha Mentor ag ràdh gu bheil iad air a bhith nan luchd-comhairleachaidh dha Stòras Uibhist a thaobh ghnothaichean mar Shlàinte is Sàbhailteachd is HR bho ghabh a' choimhearsnachd smachd air an oighreachd ann an 2006, is gu bheil seo air "tuigse dhomhain" a thoirt dhaibh air cultar na buidhne is mar a tha e air obrachadh thar nam bliadhnaichean.
Thuirt iad gu bheil e aithnichte gu bheil trioblaidean le droch riaghladh tric air buaidh a thoirt air a' bhuidhinn, ach gu bheil iad den bheachd gun do ràinig cùisean "ìrean ùra" bho shamhradh 2024 is gu h-àraidh bhon AGM mu dheireadh a thaobh cho nimheil 's a tha iad is mar a tha iad a' toirt buaidh air comas Stòras Uibhist obrachadh gu h-èifeachdach.
Thuirt Mentor gun do rinn iad fhèin aithisg as t-samhradh mu 2024 a thaobh dragh mu dhol a-mach aig ìre bùird aig Stòras ach nach deach molaidhean a chur an sàs.
Tha cùisean air a dhol am miosad, thuirt iad, le aon chùis de bhurraidheachd is sàrachadh air a dearbhadh is rannsachadh a' leantainn air casaidean eile, is nach robh am bòrd air pròiseas ceart a leantainn.
Tha an t-uachdaran coimhearsnachd cuideachd air a bhith a' dol mìosan gun àrd-oifigear ann an dreuchd.
Thuirt Mentor gu bheil "an aimhreit seo air a dhol air adhart air beulaibh na coimhearsnachd ionadail, ach cuideachd nas fharsainge, air beulaibh Coimisean an Fhearainn, HIE, an t-ùghdarras ionadail, Riaghaltas na h-Alba, co-bhanntachd de dh'uachdarain choimhearsnachd, a' dèanamh cron nach gabh tomhas air an cliù".
Fhuair Mentor gu bheil e air maill a chur air obair Stòras is air dàil a chur air taic-airgid £350,000 tro Aonta nan Eilean.
Uile gu lèir, tha iad den bheachd gu bheil buaireadh aig ìre a' bhùird air timcheall air £200,000 a chosg dhan choimhearsnachd, is iad a' moladh an t-suim sin a dhearbhadh mar dhòigh air cothrom a thoirt dha na daoine tomhas a dhèanamh air obair a' bhùird a thagh iad.

Tha an aithisg ag ràdh gum feum aithne a bhith ann gu bheil an suidheachadh aig ìre a' bhùird "truagh" is nach eil e seasmhach, is gun tèid bòrd ùr de stiùirichean taice a chur air dòigh le gealltanas gun obraich iad còmhla agus ann an dòigh ùr 'son maith na coimhearsnachd.
Thathas cuideachd ag ràdh:
nach eil ann an "àrainneachd ghnothachais àbhaisteach" suidheachadh nan triùir stiùirichean a dh'fhàg bòrd SURE seasmhach taobh a-staigh na buidhne san fharsaingeachd
gun tèid aithisg a dhèanamh 'son sealltainn dhan choimhearsnachd na rinn am bòrd seo is na chosg e
trèanadh do stiùirichean taice uile air na tha an cois na h-obrach sin, is gu sònraichte nach bu chòir dhaibh a bhith an sàs ann an obair làitheil na sgioba stiùiridh
ath-sgrùdadh laghail air riaghailtean na buidhne gus nach tachair seo a-rithist
feadhainn le eòlas dearbhte air obair bùird a chur air na diofar bhòrd
buidhnean-obrach a stèidheachadh gus coimhead air pròiseactan fa leth
slatan-tomhais a stèidheachadh is gum bi coinneamhan a' coimhead air seo is "clabadaich is fiosrachadh nach eil air a dhearbhadh a thoirt far loidhne"
gum bi t-an àrd-oifigear is sgioba stiùiridh aig coinneamhan bùird is gun tèid coinneamhan a chlàradh is gum bi iad ri fhaighinn dhan a h-uile duine
Às aonais aithne mu cho duilich 's a tha cùisean is aonta gum feumar a ghluasad air adhart le dòighean-obrach ùra, tha Mentor ag ràdh nach eil coltas ann gun atharraich dad.
"Droch bhuaidh"
Ann am freagairt a chuir iad gu BBC Naidheachdan, thuirt neach-labhairt bho Shealladh na Beinne Mòire gu bheil iad a' gabhail ris gu bheil gnothaichean riaghlaidh air droch bhuaidh a thoirt air a' bhuidhinn.
"Tha Bòrd Sealladh na Beinne Moire ag aithneachadh gu bheil gnothaichean riaghlaidh bho chionn ghoirid taobh a-staigh a' ghnothachais air droch bhuaidh a thoirt air a' bhuidhinn.
"Tha am bòrd air a bhith a' dèiligeadh ris na gnothaichean a thog aithisg Mentor mar phrìomhachas agus tha fòcas againn air dèanamh cinnteach gu bheil structar cho freagarrach 's a ghabhas againn airson na coimhearsnachdan, luchd-cleachdaidh is luchd-obrach againn a fhrithealadh.
"Tha am bòrd a' gealltainn a bhith a' dèanamh cinnteach gu bheil a' bhuidheann agus buidhnean a tha ceangailte ris a' leantainn le a bhith a' cur gu mòr ri eaconamaidh, cultar is maith Uibhist is Deas is muinntir an eilein".
Tha an aithisg aig Mentor air tighinn am follais là às dèidh do Bhile Ath-leasachaidh an Fhearainn a dhol tro Phàrlamaid na h-Alba, is am bile ag amas air barrachd chothroman a chruthachadh do choimhearsnachdan sealbh a ghabhail air fearann.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh11 An t-Sultain

- Air fhoillseachadh1 An t-Sultain

- Air fhoillseachadh15 An Lùnastal

- Air fhoillseachadh20 An t-Sultain 2024

- Air fhoillseachadh19 Am Faoilleach 2018
