Duais an Rìgh airson Hub an t-Òib

Taobh a-muigh Hub an t-Òib
  • Air fhoillseachadh

Chaidh 'Duais an Rìgh airson Seirbheis Shaor-thoileach' a bhuileachadh air Hub an t-Òib.

Fhuair 231 buidheann air feadh na Rìoghachd Aonaichte an duais an-diugh, 25 dhiubh an Alba, ach 's iad buidheann-stiùiridh an Hub an aon bhuidheann sna h-Eileanan an Iar a fhuair an t-urram, a tha air a mheas co-ionann ri MBE.

"Tha sinn moiteil, tha sinn pròiseil, tha sinn toilichte. Chan urrainn dhuinn buileach a chreidsinn," mhìnich Catriona NicIllinnein, Iar-chathraiche Hub an t-Òib.

Gheibh an Hub an duais fhèin bho Mhorair-Ionaid a' Chrùin sba h-Eileannan an Iar, Iain MacAmhlaigh, tràth sa Bhliadhn' Ùir, le dithis a' faighinn chun a' Chuirm Gàrraidh Rìoghail aig Lùchairt Holyrood as t-samhradh cuideachd.

Thuirt am Morair-Ionaid gun robh an Hub mar "eisimpleir sgoinneil air mar as urrainn do dhaoine, gu saor-thoileach, goireas riatanach a stèidheachadh sa choimhearsnachd aca agus "gun robh e follaiseach gun robh an t-àite dlùth do chridhe muinntir Cheann a Deas na Hearadh".

Catrìona NicIllinnein Iar-chathraiche Hub an t-Òib
Fo-thiotal an deilbh,

'S i Catrìona NicIllinneni Iar-chathraiche Hub an t-Òib

Dh' fhosgail an Hub gu h-oifigeil bho chionn beagan a bharrachd air bliadhna, ach thug e obair mhòr agus ùine fhada an ìre sin a ruighinn.

"Tha 10 bliadhna ann, dìreach air a' mhìos a chàidh, on a thòisich sinne a' strì an toiseach, on a choinnich sinn airson a' chiad trup a' beachdachadh air am b' urrainn dhuinn an togalach seo a shàbhaladh."

Tha Catrìona fìor mhoiteil às an adhartas a chaidh a dhèanamh san ùine sin.

"Tha laundrette againn, bùth charthannais. Tha sinn dìreach air gym fhosgladh. Faodaidh tu an t-àite fhaighinn air màl ma tha tachartas sam bith agad. Bidh coinneamhan an seo, tha an Comann Eachdraidh an seo.

"Aig deireadh cùise, bha sinn airson 's gum biodh an t-àite air a ruith le muinntir na sgìre, airson muinntir na sgìre," thuirt i.

Dithis de luchd-obrach saor-thoileach an Hub, Helen is Mòrag.
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Helen (clì) is Mòrag (deas) a-nis nan deagh charaidean tro bhith ag obair gu saor-thoileach aig an Hub

Le na diofar ghoireasan ann, tha iomadh adhbhar aig daoine ceann a chur a-steach an doras.

Tric, 's iad Helen Maher no Mòrag Galloway a bhios a' cur fàilte air luchd-ceannaich na bùtha.

"Gu litearail," dh'innis Mòrag, "shàbhail seo mise air sgàth 's gun deach fàilte a chur orm bhon fhìor thoiseach agus tha na tha thu a' coinneachadh de dhaoine dìreach mìorbhaileach."

Tha Helen ag aontachadh: "Ge bith dè a th' ann, tha do sgilean air an cleachdadh. Tha daoine gan aithneachadh agus a' cur luach annta."

"Tha mise math air cabadaich!" fhreagair Mòrag. "Bidh mise a' dèanamh tòrr chabadaich, agus tha tòrr spòrs againn. Tha a' bhùth charthannais mar 'Harrods na Hearadh' - ìre Harrods ach aig prìsean na Hearadh!"

"Beòthas anns an àite"

Hamish Mac an Tàilleir
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh Hamish Mac an Tàilleir ag obair gu saor-thoileach ann an Taigh-tasgaidh Comann Eachdraidh na Hearadh

A bharrachd air a' bhùth, tha taigh-tasgaidh Chomann Eachdraidh Ceann a Deas na Hearadh stèidhichte aig an Hub cuideachd.

Tha nithean aca bho dhiofar linntean ann an eachdraidh na sgìre agus tha an togalach fhèin cudromach san eachdraidh sin is e air a thogail leis a' Mhorair Leverhulme bho chionn barrachd air 100 bliadhna.

A rèir Hamish Mhic an Tàilleir, a bhios ag obair gu saor-thoileach don Chomann Eachdraidh, tha buaidh aig an togalach agus na nithean ann air beatha dhaoine san là an-diugh cuideachd.

"Bhiodh àite sam bith gu math marbh mura biodh daoine a' cruinneachadh.

"Bhiodh tu mar gum biodh tu ann am baile-mòr, far nach aithnich an dàrna duine an duine eile, ach le daoine a' tighinn a-staigh a leithid an àite seo agus a' coinneachadh, tha beòthas anns an àite agus thug an t-àite seo beòthas do Cheann a Deas na Hearadh, chan ann a-mhàin an t-Òb, ach do Cheann a Deas na Hearadh."

Dreuchd ùr air fàire

Taobh a-staigh Hub an t-Òib
Fo-thiotal an deilbh,

Tha buidheann-stiùiridh Hub an t-Òib an dòchas Cafaidh a stèidheachadh anns an togalach uaireigin san àm ri teachd

Chan eil a' bhuidheann-stiùiridh deiseil aig a sin, is Catrìona a' mìneachadh an cuid planaichean tuilleadh leasachaidh a dhèanamh.

"Tha sinn uabhasach taingeil gu bheil sinn san t-suidheachadh gu bheil sinn dìreach anns an là no dhà ri thighinn a' dol a chur a-mach sanas airson manaidseir."

"Tha sinn a' lorg manaidseir, cuideigin a thigeadh an seo, a bhiodh ag obair làn-ùine.

"'S e dreuchd a th' ann fad dà bhliadhna aig an ìre seo agus tha sinn gu math moiteil gu bheil sinn air an ìre a ruighinn gur e an t-airgead againn fhèin a bhios a' pàigheadh an tuarastail aig an neach a tha sin.

"'S e clach-mhìle a tha sin dhuinne."

Clach-mhìle a bhios ann dhaibh neach fhastadh ach tha làn fhios gu bheil Duais an Rìgh airson Seirbheis Shaor-thoileach mar chlach-mhìle eile dhaibh air slighe a th' air a bhith gu math soirbheachail gu ruige seo.

Tuilleadh air an sgeulachd seo