Eus-aonta ann an Geàrrloch mu hub coimhearsnachd

Thug gnothachasan ann an Geàrrloch rabhadh seachad gum faodadh iad a dhol fodha ma thèid planaichean air adhart airson hub coimhearsnachd.

Tha a bhuidheann GALE ag amas air ionad ùr a chruthachadh ann an togalach a cheannaich iad aig toiseach na mìos.

Thàinig mu cheud duine còmhla airson coinneamh phoblach mun ghnothaich sa bhaile a-raoir, agus bha am fear-naidheachd againne Ruairidh MacÌomhair an làthair.